Home > Event > Feasgar Bàrdachd: Roghainn Dàin

Black and white close up image of a whale bone held in someone's hands.

Feasgar Bàrdachd: Roghainn Dàin

Dè a’ bhàrdachd as toigh leibh a leughadh no èisteachd ris? A bheil gin sònraichte ann as fheàrr leibh?

Ge b’ e an toigh leibh iad air sàilleabh a’ chuspair, an stoidhle no na cuimhneachain sònraichte a tha ceangailte riutha, tha sinn a’ toirt fiathachadh dhuibh taghadh an dà dhàn as fheàrr leibh, agus ma thogras sibh, faodaidh sibh an leughadh aig an fheasgar bàrdachd againn air 22 Cèitean. Mur a bheil sibh ag iarraidh leughadh, thigibh ann co-dhiù agus ’s dòcha gun cluinn sibh taghaidhean eile a chòrdas ribh.

Tha am feasgar bàrdachd an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, a’ cruinneachadh ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 22 Cèitean, aig 7.30f. Bidh deochan rim faighinn (bhiomaid toilichte tabhartasan beaga airgid fhaighinn!)

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Mhairi Killin, On Sonorous Seas.