Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson blasad air leigheas-ciùil le Alex Brown, an leasaiche-inntinn ciùil againn sa choimhearsnachd.
Bidh Alex a’ lìbhrigeadh bùth-obrach leigheas-ciùil dearbhaidh, air a dhealbh airson coimhead air sreath de dhòighean-obrach, leithid eacarsaich gutha, dèanamh dhealbhan, agus stiùireadh tro dhealbhan le ceòl. Mar phàirt de ghnìomhan na maidne, bidh Alex cuideachd a’ bruidhinn mun obair aige agus a’ freagairt cheistean sam bith mu dheidhinn a bhith nad leasaiche-inntinn.
Rinn Alex an trèanadh leasaiche-ciùil aige ann an Lunainn, agus lean e air ag obair sa choimhearsnachd cuide ri buidheann de luchd-sgrùdaidh inntinn air an robh an Psychosis Therapy Project, a bharrachd air obair ann an ospadalan leigheis-inntinn. Tha ùidh aige gu h-àraid ann an dòighean neo-chronachail airson obrachadh le tinneas inntinn agus niùro-eug-samhlachadh, agus bidh e tric a’ cleachdadh freàman-obrach Jungach airson beachdachadh air pròiseas leigheis. Ghluais Alex a dh’Uibhist as t-samhradh 2022 airson tòiseachadh obair na leasaiche-inntinn ciùil tron choimhearsnachd.
Tha a’ bhùth-obrach seo do dhaoine aig a bheil ùidh ann an leigheis ealain san leasachadh dreuchdail aca, daoine a tha ag obair faisg air leigheis (m.e. suidheachaidhean cùraim, luchd-obrach taice), luchd-cruthachail a tha ag obair ann an suidheachaidhean com-pàirteachail no dàimheil, agus do dhuine sam bith a tha ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn mar a tha leigheis-ciùil ag obrachadh. Bidh a’ bhùth-obrach na àite sàbhailte agus dìomhair airson ionnsachadh, a bharrachd air na àite cruthachail.
Bidh deochan gan toirt seachad, agus na stuthan air fad a bhios a dhìth airson a’ bhùth-obrach.
Clàraibh tron t-siostam thiogaidean againn gu h-ìosal, agus taghaibh a’ phrìs a thogras sibh fhèin. Tha bursaraidh siubhail ann airson cuideachadh le cosgaisean connaidh no cosgaisean còmhdhail phoblach. Ma tha seo a dhìth oirbh, cuiribh fios gu susannah@taigh-chearsabhagh.org
Ma tha ùidh agaibh tighinn chun tachartais ach nach urrainn dhuibh tighinn air an latha seo, cuiribh fios gu susannah@taigh-chearsabhagh.org air eagal ’s gun atharraich an ceann-là no gun tèid a ruith a-rithist.
–
Tha a’ bhùth-obrach seo na phàirt de mhaoin dhìleab Culture Collective, a’ tarraing ri chèile na h-amasan againn gus slàinte inntinn agus soirbheas a leasachadh sa choimhearsnachd, a bharrachd air taic a chur ri cothrom airson leasachadh cruthachadh phroifeiseanta san sgìre. Tha a’ mhaoin dhìleab a’ co-fhreagairt air prògram Even Here, Even Now a tha sinn air a bhith a’ cumail taic ri bho dheireadh 2024.
Tha Even Here, Even Now ag iomairt le manifesto airson luchd-cruthachail nan eilean ann an Alba, le taic bho An Lanntair, Shetland Arts, Taigh Chearsabhagh, agus Pier Arts Centre. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu Even Here, Even Now an seo: https://www.shetlandarts.org/projects/even-here-even-now
