Cuairt chonsairt dhiofaraichte! A’ dol eadar thallaichean air baidhsagal, tha an cluicheadair viola da gamba Sarah Small a’ gabhail slighe nas slaodaiche agus nas uaine gu luchd-èisteachd air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
An dèidh briseadh-dùil le cho beag taic sheasmhachd a th’ ann airson cuairtean sna h-ealain, agus le draghan mu bhuaidh agus cosgaisean siubhail aig luchd-èisteachd bho sgìrean dhùthchail gu tallaichean sna bailtean, tha i a’ gabhail smachd air a’ ghnothach agus a’ dol air baidhsagal bho àite gu àite airson a’ phrògram aice ‘Good Again?’ a thaisbeanadh do luchd-èisteachd thall ’s a-bhos.
Stèidhichte timcheall obair ‘Good Againe’ aig Tobias Hume, tha am prògram seo airson viola da gamba aon-neach a’ cur an cèill na faireachdainn brònach, meòrachadh, agus dòchas a dh’fhairich mòran againn tro na h-amannan mì-chinnteach seo, còmhla ri sgeulachdan bhon rathad a tha a’ cur nur cuimhne a’ bhòichead ann an siubhal slaodach.
Tha am prògram a’ gabhail a-steach Les Voix Humaines aig Marais, La Girouette aig Forqueray, Les Pleurs aig Sainte-Colombe agus an ceòl brosnachail The Spirit of Gambo aig Hume.
Bidh Sarah cuideachd a’ cluich pìos ciùil a chaidh a sgrìobhadh tro choimisean shònraichte leis an sgrìobhadair-ciùil Lillie Harris, a tha a’ beachdachadh air a’ mhiann againn tilleadh gu na bh’ ann roimhe, agus an urrainn don àm ri teachd a bhith dhà-rìreabh nas soilleire.
Na caillibh an taisbeanadh ciùil air leth seo! Glèidhibh na tiogaidean agaibh gu h-ìosal agus taghaibh fhèin dè a’ phrìs a tha sibh ag iarraidh pàigheadh.
