Home > Event > Na Raiders: ‘Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag’

Na Raiders: ‘Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag’

Chaidh raiders Bhatarsaigh (le Donnchadh Caimbeul, sinn-sinn seanair an neach-ealain nan lùib) an cur dhan phrìosan ann an 1908 airson fearann an eilein a ghabhail thairis, fearann às an deach nan sinnsearan a chur às le làmhachas-làidir nan uachdaran. Daoine gun fhearann a’ strì airson beatha gun bhochdainn, a chaidh an toirt gu cùirt leis a’ Bhean-uasal Gordon Cathcart, tè de na h-uachdarain as beartaiche ann an Alba. Chaidh na deich raiders an leigeil ma sgaoil an dèidh làimh, an dèidh iomairt phoblach – ceum ro chudromach ann an leasachadh an fhearainn an Alba. 

Dh’èirich Na Raiders: ‘Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag’ bhon rannsachadh fharsaing aig an neach-ealain; sgeulachdan a chuala e aig a sheanair is a sheanmhair, òrain is beul-aithris co-cheangailte ri na Raids, agus na lùib tha obair a rinn e fhad ’s a bha e air prògram GUIR! aig Glaschu Beò ann an 2025.

Thigibh còmhla rinn airson feasgar fosglaidh an obair ùr seo, ann an Gailearaidh 1 air Disathairne 4 Dàmhair, aig 7f. Tha seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.

Bidh Calum MacFhionghuin Fearghasdan cuideachd a’ toirt seachad òraid neach-ealain, an-asgaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Diciadain 15 Dàmhair, aig 7f. Bidh e a’ bruidhinn ann am beagan a bharrachd doimhneachd mun rannsachadh aige air a’ phròiseact, a’ beachdachadh air na pìosan ealain nach do nochd san taisbeanadh, a thuilleadh air na planaichean aige airson barrachd obrach air Na Raiders san àm ri teachd. Nach tig sibh ann a chluinntinn cùl-fhiosrachaidh a’ phròiseict agus na modhan-obrach a chaidh an cleachdadh?

’S e neach-ealain ioma-mheadhan a th’ ann an Calum Mackinnon Ferguson, ag obair sa chumantas le cruth-ealain agus stàladh-ealain suidhichte, a thuilleadh air peantadh dhian chruthan-tìre. Cheumnaich e bho Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2021 agus tha an obair aige a’ nochdadh fhaireachdainn air ceangal le nàdar, a’ togail aire gu earrannan eag-eòlas agus cultar air a bheil dìmeas tric ga dhèanamh. Tha a’ Ghàidhlig agus an dualchas aig Fearghasdan deatamach, mar cheangal chun tìr is na daoine ann an Innse Gall.

Tadhalaibh air “Na Raiders: ‘Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag’” ann an Gailearaidh 1, an-asgaidh, bho 4 Dàmhair – 24 Dùbhlachd, Diluain gu Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.