**Thèid an tachartas seo a-nis a chumail ann an Taigh Chearsabhagh air Dimàirt 11 Samhain, a’ fosgladh aig 7f airson tòiseachadh aig 7.15f.**
22 sgeulachd iongantach, bho 22 fhilmeadair Phalastaineach, beò ann an suidheachadh do-chreidsinneach.
Grinn, tiamhaidh, cruaidh-chàsach, dòchasach agus èiginneach. ’S e “From Ground Zero” an tairgse oifigeil aig Palastain do Dhuaisean Acadamaidh 2025, le na dusanain luchd-ealain Phalastaineach gan toirt am follais le gairm èiginneach airson daonnanachd, bho shluagh fo ionnsaigh.
Tha gach film, a tha eadar 3 – 6 mionaid a dh’fhaid, a’ tabhann sealladh shònraichte air an t-suideachadh fhìor ann an Gaza an-dràsta. Tha am pròiseact, le filmeadair ainmeil Phalastaineach Rashid Masharawi air a’ chùlaibh agus le riochachadh bho Michael Moore, a’ glacadh am measgachadh de shuidheachaidhean an lùib beatha ann am Palasatain – na dùbhlain, an cruaidh-chàs agus na h-amannana tha a’ nochdadh ath-sheasamh nan daoine. A’ cleachdadh caochladh nòsan leithid ficsean, aithris, ficsean-aithriseach, beò-dhealbhadh agus taighean-deilbh deuchainneil, tha From Ground Zero a’ tabhann measgachadh bheairteach de sgeulachdan a tha a’ sealltainn a’ bhròin, an gàirdeachas agus an dòchas an lùib beatha ann an Gaza.
Chan eil seo ach blasad de na sgeulachdan gan toirt seachad. A’ clàradh beatha dhaoine a tha tric air an comharrachadh mar àireamhan no campaichean fhògarrach, tha ‘From Ground Zero’ a’ glacadh àm smaoineachail, gairm èiginneach do lèirsgrios leantainneach, agus gairm luchd-ealain airson fianais a thogail ri làrach eucoir. Tha e mar chuimhneachan, ged a tha oidhirpean leantainneach a’ feuchainn rin cumail sàmhach – an dèidh a ghabhail a-steach air an liosta an toiseach, chaidh am film a’ tarraing bho Cannes 2024 air sgàth adhbharan phoilitigeach – tha guth an t-sluaigh Phalastaineach nas cruaidhe na bha e riamh tro ealain agus film.
Bidh From Ground Zero ga shealltainn ann an Taigh Chearsabhagh air Dimàirt 11 Samhain, aig 7.15f. Glèidhibh tiogaidean tron t-siostam thiogaidean ‘Pàigh na Thogras Tu’ gu h-ìosal, far an urrainn dhuibh fhèin taghadh de phrìs a tha sibh ag iarraidh pàigheadh airson tiogaid. Bidh sinn a’ togail airgid airson a’ bhuidhinnn Medical Aid for Palestinians.
Thèid film goirid ‘The Flowers Stand Silently, Witnessing‘ a shealltainn ro ‘From Ground Zero‘agus bidh cothrom ann airson beagan deasbaid an dèidh na filmichean.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo. Tha UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus an British Film Institute.
Tha am prògram thaisbeanaidh aig UistFilm Presents a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland, pàirt den BFI’s Film Audience Network, a’ riarachadh taic-airgid às leth Screen Scotland agus BFI National Lottery.
113 mionaid. 12A.

