Tha fàilte oirbh tighinn dhan Chafaidh air Diardaoin 27 Samhain airson barrachd a chluinntinn mu Phlana Gàidhlig Uibhist. Bidh Ceiteag NicDhòmhnaill, Oifigear Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist, sa Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin, bho 1.30f-3.30f, agus bu toigh leatha ur beachdan a chluinntinn!
Tadhalaibh a-steach a choinneachadh ri Ceiteag airson cur ris a’ Phlana agus faigh a-mach dè as urrainn dhuibhse dèanamh gus Gàidhlig a bhrosnachadh nar coimhearsnachdan.
