Air a’ mhìos seo bidh sinn a’ cur fàilte air an sgrìobhadair Cynthia Rogerson chun Fheasgar Litreachais againn, air Diardaoin 28 Cèitean, 7.30f. Thigibh a dh’èisteachd Cynthia a’ leughadh bhon leabhar ùr bheòthail aice, 100,000 Birthdays.
Tha na feasgair litreachais againn an-asgaidh, le deochan gan toirt seachad, ach bhiodh tabhartas beag feumail. An-còmhnaidh neo-fhoirmeil agus sòisealta, nach tig sibh ann air 28 Cèitean?
’S e sgrìobhadair ficsean a th’ ann an Cynthia Rogerson is i air duaisean a chosnadh airson a cuid sgrìobhaidh, a tha stèidhichte ann an Alba agus California. ’S ann bho Seattle a tha i bho thùs ach tha i air a bhith stèidhichte air Ghàidhealtachd na h-Alba bho 1985. Tha i air còig nobhailean, cuimhneachan agus cruinneachadh de sgeulachdan goirid a sgrìobhadh. Tha an obair aice air nochdadh ann an grunn cho-chruinneachaidhean, air a chraobh-sgaoileadh air Radio BBC agus air eadar-theangachadh ann an sia cànain. Bha Cynthia na Stiùiriche Prògram aig Ionad Sgrìobhaidh Moniack Mhòr airson ochd bliadhna, agus bidh i fhathast a’ lìbhrigeach bùthan-obrach sgrìobhaidh acadaimigeach RLF Bridge, ann an àrd-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Bidh Cynthia cuideachd a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh air Dihaoine 29 Cèitean, 10.30m. Tha a’ bhùth-obrach an-asgaidh ach chan eil mòran àite ann agus bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm.
Tachartasan ri thighinn:
16 Ògmhios, 7.30f – Cur air bhog leabhran Sgrìobhadairean Uibhist
25 Ògmhios, 7.30f – Feasgar bàrdachd le Niall Caimbeul
26 Ògmhios, 10.30m – Bùth-obrach sgrìobhaidh le Niall Caimbeul
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
