’S e Loch nam Madadh | Wolf Bay sreath uabhais ghoirid a bheir clisgeadh àsad, mu thuras aiseig a tha a’ dol uabhasach ceàrr.
Na coimhead air leat fhèin.. nì sinn còmhla e! Dè b’ fheàrr air an oidhche ro Oidhche Shamhna ach tighinn còmhla ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 30 Dàmhair, 7f, a choimhead Loch nam Madadh | Wolf Bay air an sgrìn mhòr? Ma thig sibh ann an èideadh choimheach, ’s docha gum buannaich sibh duais! An-asgaidh, le deochan is greimean-bìdhe.
Thigibh ann aig 7f airson deoch agus coinneachadh ri cuid de na cleasaichean is criutha an fhilm, mus tèid na duaisean a thoirt seachad. Bidh sinn a’ gabhail cuairt tro thaisbeanadh Aghaidh ris an Achadh cuideachd, gus deisealachadh airson an fhilm. Bidh am film a’ tòiseachadh aig 8f is a’ crìochnachadh aig 9f.
Airson luchd-amhairc aois 18+
Air a chruthachadh agus air a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger, le Maureen NicLeòid mar cho-sgrìobhadair, tha na sia prògraman tarraingeach, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ leantainn Aonghas (Andrew MacInnes, An t-Eilean), a tha a’ tilleadh gu Uibhist a Tuath air èiginn airson tiodhlacadh a sheanair. Tha e an dòchas tilleadh gun fhiosda, ach mar a thachras, ’s ann a tha e glaiste air aiseag còmhla ri a sheann leannan, Màiri (Ellen NicDhòmhnaill, Bannan), an leannan ùr aice, Cailean (Alasdair Jordan, a’ nochdadh air an sgrìn airson a’ chiad uair), agus a màthair rag, Mairead (Elspeth Turner, An t-Eilean).
Dìreach nuair a tha Aonghas den bheachd nach urrainn cùisean fàs dad nas miosa, tha e a’ tighinn tarsainn air rudeigin oillteil sa chafaidh – agus chan e am mac ’n’ cheese a th’ ann…
Fhad ’s tha am bàta a’ seòladh tro uisgeachan chunnartach Loch nam Madadh, feumaidh Aonghas dèiligeadh ris na deamhain aige fhèin agusair an olc dìomhair a tha air bòrd. Am mair e tron oidhche? An sàbhail e an luchd-siubhail? Agus an rèitich e cùisean le Màiri?
Faodaidh sibh tighinn ga choimhead an-asgaidh ann an Taigh Chearsabhagh ach feumar tiogaid a ghlèidheadh an-asgaidh ron àm. Cha bhiodh sinn ag iarraidh ur glasadh a-muigh san dorchadas leibh fhèin..
Is e Loch nam Madadh | Wolf Bay a’ chiad dràma Ghàidhlig a-riamh a chaidh a chruthachadh gu sònraichte do dhaoine eadar 18 is 24 bliadhna a dh’aois a bhios a’ coimhead susbaint air na h-innealan aca. Tha na prògraman goirid, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ gluasad aig astar a chuireas eagal do bheatha ort – le clisgean glic, àbhachdas tioram, agus sgeulachd gaoil a bhlàthaicheas an cridhe as fhuaire. Tha lùths, misneachd agus sealladh dàna aig teis-meadhan an dràma ùr seo bho BBC ALBA agus BBC Scotland. Mar a tha an t-òran a’ dol – ’s truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr’…
