Thigibh còmhla rinn air an fheasgar as fhaide den bhliadhna, airson ceum air a’ mhachaire, ag èisteachd ri measgachadh shònraichte de dh’fhuaimean bhon àrainneachd, ceòl, beachdan eag-eòlasach agus òrain. ’S e cuairt stèidhichte a th’ ann an cuairt-fuaime, a’ cleachdadh GPS airson ceangal a dhèanamh ri traca-fuaime tro app, airson a’ chruinneachaidh fuaim a chluich ann an dòigh co-òrdanaichte a bhios a’ cur ris an fhaireachadh agaibh fhad ’s a tha sibh a’ gabhail cuairt bhreàgha tron àite.
“Àm dìreach do-chreidsinneach, soilleireachaidh. Cha chuala mi riamh dad buileach coltach ris!”
Air a chur an cèill do Thaigh Chearsabhagh leis a’ cheòladair air mhuinntearas againn, Donnchadh MacLeòid, chaidh a’ chuairt-fuaime seo a chur air dòigh airson An Gàrradh, mar phàirt de phròiseact Beàrnan-Brìde. Tha Donnchadh a’ tighinn cuide rinn airson ràithe eile de dh’obair chruthachail fhuaimneach, le cuairtean-fuaime ùra sa bheairt, ann an co-bhonn ris a’ choimhearsnachd.
Tha a’ chuairt-fuaime seo air machaire Lìonacleit a’ coimhead air cleachdaidhean agus eag-eòlas na h-àrainn. Air a thogail bhon fhacal Ghàidhlig airson na talmhainn ìosal, fheurach seo, ’s e machaire aon de na h-àrainn as teairce san Roinn Eòrpa, ach cuideachd aon den fheadhainn as beairtiche a thaobh spèiseis. Tha e ri fhaighinn air na cladaichean fosgailte san iar, an Alba agus Èirinn a-mhàin, is 70% dhen sin ann an Uibhist. Tha linntean de chroitearachd aig ìre ìosal air a’ chruth-tìre shònraichte a dhealbhachadh, agus air fiadh-bheatha a bhrosnachadh thairis air mìlltean bhliadhnaichean. Air a leasachadh ann an co-bhonn leis a’ choimhearsnachd ionadail, tha an obair seo a’ gabhail a-steach aithrisean, clàraidhean-làraich, agus measgachaidhean le clàraidhean fuaim bho thasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, a tha a’ comharrachadh còrr is 70 bliadhna de thraidisean beò.
’S urrainn dhuibh èisteachd ri clàradh ceum-fuaime Lìonacleit air-loidhne an seo.
Fiosrachadh feumail
Chan eil uair stèidhichte airson tòiseachadh air a’ cheum – tadhalaibh uair sam bith eadar 6-8f. Bidh sinn nar feitheamh aig a’ phàirce-chàraichean agus àite tòiseachaidh, airson ur stiùireadh chun cheum-fuaime.
Gus ar lorg, tionndaidh far rathad Lìonacleit eadar togalach HIE agus an làrach-campachaidh, agus cùm air adhart chun àite pàircidh agus tòiseachaidh. ’S e ///saying.thrillers.sculpture an còd What3Words airson an àite-coinneachaidh.
Airson a dhol air a’ chuairt-fuaime, feumaidh an app Echoes (an-asgaidh) a bhith agaibh air fòn-làimhe. Tha sinn a’ comhairleachadh sin fhaighinn ro-làimhe ma ’s urrainn dhuibh. Bidh taghadh de chluasan-fòn uèir agus Bluetooth againn, no faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma ’s fheàrr leibh. Bidh adaptaran airson cluasan-fòn agus caballan sgoltaidh rim faighinn dhaibhsan a tha ag iarraidh fòn a chleachdadh eatorra.
Tha an t-slighe coiseachd meadhanach mì-chothrom agus tioram mar as trice. Thoiribh leibh aodach agus brògan freagarrach, le fios air cho caochlaideach ’s a tha an t-sìde. Tha sinn a’ comhairleachadh gun toir sibh leibh cè-ghrèine agus botal uisge.
Tha na taighean-beaga as fhaisge taobh a-staigh togalach Sgoil Lionacleit, a tha fosgailte gu 9f.
