Home > Event > Ceum-fuaime Grian-stad an t-Samhraidh

Dark green image with the words 'Solstice Soundwalk' in light yellow, with an outline map of Uist.

Ceum-fuaime Grian-stad an t-Samhraidh

Thigibh còmhla rinn air an fheasgar as fhaide den bhliadhna, airson ceum air a’ mhachaire, ag èisteachd ri measgachadh shònraichte de dh’fhuaimean bhon àrainneachd, ceòl, beachdan eag-eòlasach agus òrain.  ’S e cuairt stèidhichte a th’ ann an cuairt-fuaime, a’ cleachdadh GPS airson ceangal a dhèanamh ri traca-fuaime tro app, airson a’ chruinneachaidh fuaim a chluich ann an dòigh co-òrdanaichte a bhios a’ cur ris an fhaireachadh agaibh fhad ’s a tha sibh a’ gabhail cuairt bhreàgha tron àite. 

“Àm dìreach do-chreidsinneach, soilleireachaidh. Cha chuala mi riamh dad buileach coltach ris!”

Air a chur an cèill do Thaigh Chearsabhagh leis a’ cheòladair air mhuinntearas againn, Donnchadh MacLeòid, chaidh a’ chuairt-fuaime seo a chur air dòigh airson An Gàrradh, mar phàirt de phròiseact Beàrnan-Brìde.  Tha Donnchadh a’ tighinn cuide rinn airson ràithe eile de dh’obair chruthachail fhuaimneach, le cuairtean-fuaime ùra sa bheairt, ann an co-bhonn ris a’ choimhearsnachd.

Tha a’ chuairt-fuaime seo air machaire Lìonacleit a’ coimhead air cleachdaidhean agus eag-eòlas na h-àrainn.  Air a thogail bhon fhacal Ghàidhlig airson na talmhainn ìosal, fheurach seo, ’s e machaire aon de na h-àrainn as teairce san Roinn Eòrpa, ach cuideachd aon den fheadhainn as beairtiche a thaobh spèiseis.  Tha e ri fhaighinn air na cladaichean fosgailte san iar, an Alba agus Èirinn a-mhàin, is 70% dhen sin ann an Uibhist.  Tha linntean de chroitearachd aig ìre ìosal air a’ chruth-tìre shònraichte a dhealbhachadh, agus air fiadh-bheatha a bhrosnachadh thairis air mìlltean bhliadhnaichean.  Air a leasachadh ann an co-bhonn leis a’ choimhearsnachd ionadail, tha an obair seo a’ gabhail a-steach aithrisean, clàraidhean-làraich, agus measgachaidhean le clàraidhean fuaim bho thasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, a tha a’ comharrachadh còrr is 70 bliadhna de thraidisean beò.

’S urrainn dhuibh èisteachd ri clàradh ceum-fuaime Lìonacleit air-loidhne an seo. 

Fiosrachadh feumail

Chan eil uair stèidhichte airson tòiseachadh air a’ cheum – tadhalaibh uair sam bith eadar 6-8f. Bidh sinn nar feitheamh aig a’ phàirce-chàraichean agus àite tòiseachaidh, airson ur stiùireadh chun cheum-fuaime.

Gus ar lorg, tionndaidh far rathad Lìonacleit eadar togalach HIE agus an làrach-campachaidh, agus cùm air adhart chun àite pàircidh agus tòiseachaidh.  ’S e ///saying.thrillers.sculpture an còd What3Words airson an àite-coinneachaidh.

Airson a dhol air a’ chuairt-fuaime, feumaidh an app Echoes (an-asgaidh) a bhith agaibh air fòn-làimhe.  Tha sinn a’ comhairleachadh sin fhaighinn ro-làimhe ma ’s urrainn dhuibh.  Bidh taghadh de chluasan-fòn uèir agus Bluetooth againn, no faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma ’s fheàrr leibh.  Bidh adaptaran airson cluasan-fòn agus caballan sgoltaidh rim faighinn dhaibhsan a tha ag iarraidh fòn a chleachdadh eatorra.

Tha an t-slighe coiseachd meadhanach mì-chothrom agus tioram mar as trice.  Thoiribh leibh aodach agus brògan freagarrach, le fios air cho caochlaideach ’s a tha an t-sìde.  Tha sinn a’ comhairleachadh gun toir sibh leibh cè-ghrèine agus botal uisge.

Tha na taighean-beaga as fhaisge taobh a-staigh togalach Sgoil Lionacleit, a tha fosgailte gu 9f.