Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath gur fiathachadh gu sreath thachartasan an-asgaidh sa Ghearran agus sa Mhàrt, airson ar sunnd a thogail tron gheamhradh.
Cuin?
Dimàirt 13 & 27 Gearran.
Dimàirt 5, 12 & 26 Màrt.
2.00f-3.30f.
Càite? Sgoil Chàirinis, Càirinis, Uibhist a Tuath, HS6 5EJ.
Tachartasan eadar-ghnìomhach – measgachadh inntinneach de sgeulachdan dhualchasach, ceòl is òrain Ghàidhlig ri sheinn, bhideothan, ealain, no cleachdaibh na sgilean cruthachail agaibh fhèin.
Bidh tì is briosgaidean ann – ma ’s urrainn dhuibh, thoiribh leibh an cupa agaibh fhèin – gus gearradh sìos air carbon!
Tha na tachartasan an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhalaibh air duilleag Facebook Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath.
