Home > Event > Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath: Aire air Sunnd

Black and white landscape drawing, with a fence and grass in the foreground.

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath: Aire air Sunnd

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath gur fiathachadh gu sreath thachartasan an-asgaidh sa Ghearran agus sa Mhàrt, airson ar sunnd a thogail tron gheamhradh.

Cuin?

Dimàirt 13 & 27 Gearran.

Dimàirt 5, 12 & 26 Màrt. 

2.00f-3.30f.   

Càite? Sgoil Chàirinis, Càirinis, Uibhist a Tuath, HS6 5EJ.

Tachartasan eadar-ghnìomhach – measgachadh inntinneach de sgeulachdan dhualchasach, ceòl is òrain Ghàidhlig ri sheinn, bhideothan, ealain, no cleachdaibh na sgilean cruthachail agaibh fhèin.

Bidh tì is briosgaidean ann – ma ’s urrainn dhuibh, thoiribh leibh an cupa agaibh fhèin – gus gearradh sìos air carbon!

Tha na tachartasan an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhalaibh air duilleag Facebook Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath.