Home > Event > A’ dèanamh sìomain agus cleachdaidhean thraidiseanta eile le lusan air Gàidhealtachd is na h-Eileanan

Photo of a bunch of cut long grass bound together by string made from natural materials.

A’ dèanamh sìomain agus cleachdaidhean thraidiseanta eile le lusan air Gàidhealtachd is na h-Eileanan

Thigibh còmhla rinn airson feasgar leis an Ollamh Margaret Bennett, is i a’ bruidhinn air dèanamh sìomain, agus cleachdaidhean thraidiseanta eile le lusan air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Bidh an òraid aig Margaret a’ togail air eisimpleirean ionadail tharraingeach, agus rannsachadh bho na bun-bheachdan san taisbeanadh aig Caroline Dear, Sìoman / Loidhnichean.  Tha Sìoman / Loidhnichean a’ rannsachadh saoghal farsaing na sreainge, a’ fuasgladh fiosrachaidh bho; am fianais arc-eòlach as tràithe air sreang bho chionn 47,000 bliadhna, sgeulachdan chulturail, uirsgeil eachdraidheil agus criomagan co-aimsireil.

Às an Eilean Sgitheanach bho thùs, tha ùidh air a bhith aig an Oll. Margaret Bennett fad a beatha ann am beul-aithris agus òrain thraidiseanta.  Tha i air iomadh leabhar is artaigil a sgrìobhadh.  An lùib na foillseachaidhean aice air sgrùdaidhean lùsan, tha “Plant Lore in Gaelic Scotland” ann an R. Pankhurst, Flora of the Outer Hebrides, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair Bhreatainn, (1991), “The Folklore of Plants in Scotland”, ann an Plants and People: Economic Botany in Northern Europe, 800-1800, deas. J.H. Dickson agus R.R. Mill, Dùn Èideann (1994), a bharrachd air cuir ri Dictionary of the Folklore of Plants in Britain and Ireland, deas. Roy Vickery. Lunainn: Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair Bhreatainn (1996).

Tha fàilte oirbh tighinn cuide rinn ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 27 Sultain, aig 7f.  Glèidhibh tiogaid gu h-ìosal, tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.

Còir-deilbhe: Caroline Dear.