Home > Event > Sìoman / Loidhnichean

Photo of a hand holding lengths of string and thin ropes hanging on a wall.

Sìoman / Loidhnichean

a’ fuasgladh sgeulachd na sreainge: daoine, planntrais agus àite

’S e teicneòlas bunaiteach a th’ ann a bhith a’ dèanamh sreang agus tha e air leigeil leinn, mar spèiseas, leasachadh, cumail beò agus atharrachadh.  Tha an taisbeanadh seo a’ sgrùdadh an dàimh a th’ againn suainte le snàithlean, sreang agus ròp fad 50,000 bliadhna.  Tha String / Lines le Caroline Dear, a’ rannsachadh saoghal farsaing na sreainge, a’ fuasgladh fiosrachaidh bho; am fianais arc-eòlach as tràithe air sreang bho chionn 47,000 bliadhna, sgeulachdan chulturail, uirsgeil eachdraidheil agus criomagan co-aimsireil.

Tha a’ choltas ann gu robh sreang na mheadhan air tar-chur bheachdan, air coimhearsnachdan a chumail còmhla agus air leasachadh cultair.  Tha e air eòlas a chur ri leasachadh sgrìobhaidh, matamataig, togail, tomhais, fighe agus mòran ghnothaichean eile.  Tha e cuideachd nas motha na tha am meud fiosaigeach aige agus tha e air a bhith na inneal dhuinn airson stiùireadh na smuaintean bun-bheachdail agus meata-fiosaigeach againn mun t-saoghal agus cruthachadh mar a thèid sinn an sàs an sin.

Tha còig earrannan san taisbeanadh agus tha e na bheachd-smuain agus sgrùdadh air am fuasgladh is dùnadh seo, a’ bann agus a’ ceangal an là a dh’fhalbh leis an là an-diugh, le sreang.

Tha String / Lines a’ fosgladh ann an Gàilearaidh 2 san t-Sultain.  Thigibh còmhla rinn airson an ro-shealladh fosglaidh air Dihaoine 6 Sultain, aig 7.30f.  Bidh an tachartas seo an-asgaidh agus bidh fàilte ron h-uile duine.

Air Disathairne 7 Sultain, bidh Caroline Dear agus Katharine MacFarlane a’ cur air adhart latha Cèilidh Sìoman, le bùthan-obrach dèanamh agus sgrìobhadh, le co-obrachadh air dèanamh ròpa, agus bàrdachd.  Chan eil mòran àiteachan air na bùthan-obrach bho 11m-3f agus bu chòir àite a ghlèidheadh ron àm.  Tha an Cèilidh Sìoman aig 3f fosgailte don h-uile duine.

‘S e neach-ealain a th’ ann an Caroline Dear, stèidhichte san Eilean Sgitheanach.  Tha a h-obair a’ rannsachadh an dàimh a th’ againn leis an t-saoghal nàdarra mu thimcheall oirnn.  Bidh i a’ rannsachadh seann dòighean-obrach, a’ cruinneachadh dualan eòlais phràctaigeach airson a roinn gus na sgilean shìmplidh, riatanach seo a chumail beò.

Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus freagarrach air gach aois.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Caroline Dear