Home > Event > Sìoman / Loidhnichean: Cèilidh Sìoman le bùthan-obrach dèanamh + sgrìobhadh

Photo of a piece of art work in string and ropework, handing on a wall.

Sìoman / Loidhnichean: Cèilidh Sìoman le bùthan-obrach dèanamh + sgrìobhadh

Nach tig sibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson latha de bhùthan-obrach, sgrìobhadh agus obrachadh còmhla?  Air a stiùireadh leis an neach-ealain Caroline Dear agus am bàrd Katharine Nic Phàrlain, bidh an latha seo làn de cho-obrachadh air dèanamh ròpannan, agus bàrdachd.  Thig an latha gu crìoch le Cèilidh Shìoman, fosgailte don h-uile duine, far an urrainn dhuinn tighinn còmhla airson an ionnsachaich is an eòlais againn air sreang a thoirt seachad do chàch a chèile.

Chan eil mòran àiteachan ri fhaighinn airson na bùthan-obrach bho 11m-3f, mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn.  Chan fheum daoine àite a ghlèidheadh airson a’ Chèilidh Shìomain aig 3f.

Prògram òraidean is bùthan-obrach

11m-12f – Òraid bhon neach-ealain Caroline Dear, agus leughaidhean bhon bhàrd Katharine Macfarlane, co-cheangailte ri pròiseact Sìoman / Loidhnichean, na rudan a thug buaidh air agus brosnachadh dhaibh is an co-obrachadh aca.

12f-1f – A’ dèanamh agus ag obrachadh còmhla.  Ionnsaich mar a chruthaicheas sibh ròp a-mach à stuthan rim faighinn gu h-ionadail, cruthaich sreath de bhàrdachd shìomain còmhla, agus thoir seachad eachdraidh no eòlas air a bhith a’ dèanamh sìomain agus ròp.

1f-2f – Àm bidhe.  Bidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh fosgailte, no ’s urrainn dhuibh am biadh agaibh fhèin a thoirt leibh.

2f-3f – Faclan Sìomain.  Rannsaich am beairteas fhaclan, abairtean is co-cheanglaichean an lùib sìoman agus dèanamh ròpannan, agus thoir seachad dha chèile bàrdachd ghoirid sgrìobhte, fhad ’s a tha sibh a’ co-obrachadh air structar ròpa.

3f-4f – Cèilidh Sìoman.  Gabhaidh air ur socair aig cruinneachadh stèidhichte air toirt seachad sgeulachdan, agus sgrùdadh nas fharsainge air sreang, na linntean cian, atharrachadh na gnàth shìde, an dàimh againn le na lusan mu thimcheall oirnn agus sgeulachdan ionadail.  Le ceòl bho Alex Brown.

‘S e neach-ealain a th’ ann an Caroline Dear, stèidhichte san Eilean Sgitheanach.  Tha a h-obair a’ rannsachadh an dàimh a th’ againn leis an t-saoghal nàdarra mu thimcheall oirnn.  Bidh i a’ rannsachadh seann dòighean-obrach, a’ cruinneachadh dualan eòlais phràctaigeach airson a roinn gus na sgilean shìmplidh, riatanach seo a chumail beò.

Tha Katharine NicPhàrlainn na bàrd agus na neach-teagaisg Albannach, is i air duaisean a chosnadh airson a h-obair.  Tha am bàrdachd liriceach aice air a fhreumachadh ann an eachdraidh, cruth-tìre agus seanchas na h-Alba.  Tha i dealasach airson cruthachadh cheanglaichean, agus i a’ cur air adhart na coimhearsnachdan agus na guthan nach cluinnear tric.

Tha na bùthan-obrach seo agus an cèilidh gan toirt seachad ann an co-bhonn ri taisbeanadh Sìoman / Loidhnichean, a tha a’ fosgladh ann an Gailearaidh 2.  Bidh fàilte ron h-uile duine aig ro-shealladh den taisbeanadh, ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 6 Sultain, aig 7.30f.   

Tha taisbeanadh agus tachartasan Sìoman / Loidhnichean an-asgaidh ach nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

 

Còir-deilbhe: Caroline Dear