Home > Event > Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20

20:20 Print Exchange in black lettering, with a selection of print images on the left and right.

Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20

Iomlaid eadar-nàiseanta clò-bhualaidh!

Tha Taigh Chearsabhagh air leth toilichte gu bheil taisbeanadh Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 air tighinn thugainne aig deireadh a’ chuairt aige airson bliadhna 2024.  A’ fosgladh ann an Gailearaidh 1 air 7 Sultain, ’s e seo an taisbeanadh slàn a chaidh a thaghadh airson a’ chuairt gus Iomlaid Clò-bhualaidh 2023 a chomharrachadh, is obair ealain bho bhuill Àite-obrach Clò-bhualaidh & Seòmar Dorcha Thaigh Chearsabhaigh na lùib.

Bidh fàilte romhaibh uile aig ro-shealladh Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 ann an Gailearaidh 1, air Dihaoine 6 Sultain aig 7.30f, an cois fosgladh Sìoman / Loidhnichean ann an Gailearaidh 2.  Tha an tachartas seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.

Sgeulachd na h-Iomlaid

Thòisich Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 ann an 2009, airson ceangal a dhèanamh eadar dà àite clò-bhualaidh le ainmean a bha caran coltach ri chèile, Hot Bed Press agus Red Hot Press, agus às a sin thàinig pròiseact nas motha airson ceangal a thogail eadar àitean clò-bhualaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail, agus bha Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 beò…

’S e beachd gu math sìmplidh a tha air cùlaibh na h-iomlaid…

Bidh gach neach-ealain a’ cruthachadh iris de 25 clò-bhualadh.  Bidh buidhnean de chòignear luchd-ealain a’ cur an obair aca gu Hot Bed Press, mar bhuill de stiùidio clò-bhualaidh, colaiste no de chruinneachadh sam bith.  An dèidh oidhirp ionmholta gan seòrsachadh aig Hot Bed Press, bidh gach neach-ealain agus àite clò-bhualaidh a’ faighinn measgachadh de 20 pìos clò-bhualaidh.

Gach bliadhna, bidh àireamh 1 bho gach iris clò-bhualaidh a’ dol air cuairt nàiseanta/eadar-nàiseanta, gu stiùidiothan clò-bhualaidh no gailearaidhean a bhios a’ gabhail pàirt san Iomlaid.

Thòisich an taisbeanadh a thuras aig Hot Bed Press ann an Salford agus air adhart an uair sin gu ceithir àiteachan ann an 2024, is gach àite a’ cur an taisbeanadh air adhart chun an ath àite.  ’S e Taigh Chearsabhagh an gailearaidh mu dheireadh air a thuras.  

2023 – A’ bhliadhna a bu mhotha fhathast!

Le 16,100 pìosan clò-bhualaidh uile gu lèir, le 644 luchd-ealain agus le iomlaid gu 44 buidheann, ’s e seo an iomlaid as motha fhathast.  Tha a’ phròiseact a’ fàs gach bliadhna, a’ neartachadh cheanglaichean taobh a-staigh coimhearsnachd clò-bhualaidh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail.  An lùib na h-obrach a chaidh a chur a-steach gu Iomlaid 2023 bha pìosan à Alba, Sasainn, A’ Chuimrigh, Èirinn, An Danmhairg, Hong Kong, Innis Tile, an t-Suain, An Ruis agus Slobhinia.

Tha Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh 1, bho 7 Sultain.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu na goireasan clò-bhualaidh agus cothroman aig Taigh Chearsabhagh, tadhalaibh air duilleag Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha.