EVEN US: stàile sa Chafaidh
Bidh Tagraiche nan Ealan airson Uibhist, AJ Stockwell sa Chafaidh aig taisbeanadh a’ gheamhraidh aig Comann Ealain Uibhist, air Disathairne 7 Dùbhlachd, bho 12-2f.
Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu Even Here, Even Now, nach tig sibh a thadhal?
’S e ‘Pàipear’ cuspair taisbeanaidh Chomann Ealain Uibhist am-bliadhna, agus gabhaidh sin iomadh cruth! Bidh lethbhreacan pàipear aig AJ de manifesto EHEN, is faodaidh sibh an toirt air falbh leibh airson collage a dhèanamh agus an guth agaibh fhèin a chur ri iomairt EHEN.
’S e seo an dàrna cruinneachadh ann an sreath de 8, bhon Dàmhair 2024 chun Mhàrt 2025.
