Home > Event > UAA Taisbeanadh Fosgailte a’ Gheamhraidh 2024

Tracing of the UAA logo image of a bird flying over islands.

UAA Taisbeanadh Fosgailte a’ Gheamhraidh 2024

Tha sinn a’ teannadh air deireadh na bliadhna agus an t-àm ann a-rithist airson Taisbeanadh Fosgailte a’ Gheamhraidh aig buill Chomann Ealain Uibhist.  Còmhla riutha am-bliadhna, bidh oileanaich a th’ air cùrsaichean ealain NC agus BA aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall an seo ann an Taigh Chearsabhagh, a’ taisbeanadh an cuid obrach cuideachd.

’S e ‘Pàipear’ cuspair an taisbeanaidh am-bliadhna, agus gabhaidh sin iomadh cruth! Bidh mòran den obair ga thabhann ri cheannach, is pìosan ùra gan cuir ris an taisbeanadh bho àm gu àm.

Nach tig sibh còmhla rinn airson tì is cèic air Diardaoin 5 Dùbhlachd, aig 7f, airson fosgladh taisbeanaidh an t-seusain seo a chomharrachadh?

Chaidh an Uist Arts Association (UAA) a stèidheachadh bho chionn còrr is 25 bliadhna le buidheann dhaoine aig an robh ùidh ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cuideachadh nan ealan ann an Uibhist, nan lùib bha luchd-ealain, luchd-ciùird, sgrìobhadairean agus iadsan aig an robh ùidh taic a thoirt do thachartasan ealain agus aire air na h-ealain.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, le fios mu dheidhinn a bhith a’ gabhail ballrachd sa bhuidhinn, agus cuideachd mu obair bhuill, air làrach-lìn an UAA.

Chithear an taisbeanadh an-asgaidh, ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.