Home > Event > Feasgar bàrdachd le Rody Gorman

Photo of Rody Gorman, with a sea and mountain landscape behind.

Feasgar bàrdachd le Rody Gorman

Thigibh còmhla rinn airson feasgar bàrdachd na mìosa, far am bi sinn a’ cur fàilte air Rody Gorman.  ’S e cothrom sònraichte a tha seo èisteachd ri Rody leughadh bhon chruinneachadh as ùire aice, “Sweeney”. ’S e obair ioma-chànanach air leth adhartach a tha seo, far a bheil am bàrd ag ath-chruthachadh an teacsa Gaeilge meadhan-aoiseil, Buile Shuibhne – ann am Beurla, Gaeilge agus Gàidhlig na h-Alba.

Obair gu lèir anabarrach.. Tha am measgachadh, am spionnadh agus an innleachd a’ deàrrsadh – Raibeart MacPhàrlain

’S e sreath ealanta de bhàrdachd a tha seo – Pàdraig MacAoidh

Nach tig sibh a dh’èisteach ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 27 Màrt, aig 7.30f?  Bidh fàilte romhaibh.  Bidh lethbhreacan den leabhar ‘Sweeney: an intertonguing’ rin ceannach, airson £25.

Bidh Rody cuideachd a’ ruith bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh, air Diardaoin 27 Màrt, 2-4f.  Tha seo an-asgaidh ach bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

Rugadh Rody Gorman am Baile Àtha Cliath ann an 1960 agus tha e a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach.  Tha e na oide sgrìobhaidh cruthachail and na dheasaiche air An Guth, iris bhliadhnail dà-chànanach.  Tha e cuideachd ag obair na eadar-theangair oifigeil agus litreachail, le dreachan aige air obair le Cavafy, Yeats, Neruda, Milosz, Rósewicz, Popa, Holub, Aspenstrom agus Snyder, an lùib na tha e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. 

Tha Rody air cruinneachaidhean den bhàrdachad aige fhèin fhoillseachadh, ann am Beurla, Gaeilge agus Gàidhlig, leithid Fax(1996), Flora From Lusitania (2005), Zonda? Khamsin? Sharaav? Camanchaca? (2006) agus Beartan Briste/Burstbrokenshroudloomdeeds (2011). Chaidh cruinneachadh de dhàin thaghta sa Ghàidhlig agus ann an Gàidhlig na h-Èirinn, Chernilo, fhoillseachadh an 2006.  ’S iad Trìmheamhan (2017), Cuala, Dothra (2021) agus Lorg Eile/Final Call (2022) cuid de na cruinneachaidhean as ùire aige.

Tha an tachartas seo a’ faighinn taic bho Live Literature. 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.