Home > Event > Bùth-obrach sgrìobhaidh le Rody Gorman – **LÀN

Photo of Rody Gorman, with a sea and mountain landscape behind.

Bùth-obrach sgrìobhaidh le Rody Gorman – **LÀN

**Tha a’ bhùth-obrach seo a-nis làn.**

Tha sinn air leth toilichte gum bi Rody Gorman a’ tadhal oirnn aig deireadh na mìosa airson bùth-obrach sgrìobhaidh air Diardaoin 27 Màrt, 2f – 4f. Tha glè bheag de dh’àiteachan air fhàgail, leis gun deach a’ bhuth-obrach seo a shanasachd roimhe san Fhaoilleach, agus feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm. 

Tha Rody na òraidiche ann an sgrìobhadh cruthachail ann am Beurla agus Gàidhlig agus bidh seo na dheagh chothrom dhuibh sgrìobhadh ann am Beurla no cuideachadh fhaighinn le sgrìobhadh ann an Gàidhlig.  Bidh còmhradh agus eacarsaich sgrìobhaidh an lùibh a’ bhùth-obrach agus tha sinn ag iarraidh gun toir daoine aon dàn leotha fhèin leotha, ann am Beurla no Gàidhlig (le 10 lethbhreacan).

Tha am bùth-obrach seo an-asgaidh ach feumar àite a ghlèidheadh ron àm.  ’S urrainn dhuibh tiogaid a ghlèidheadh tron t-siostam air-loidhne againn gu h-ìosal.

Bidh Rody cuideachd a’ leughadh bhon fhoillseachadh mu dheireadh aige, “Sweeney”, aig feasgar bàrdachd ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 27 Màrt aig 7.30f.  Bidh seo an-asgaidh agus bidh fàilte romhaibh.

Rugadh Rody Gorman am Baile Àtha Cliath ann an 1960 agus tha e a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach.  Tha e na oide sgrìobhaidh cruthachail and na dheasaiche air An Guth, iris bhliadhnail dà-chànanach.  Tha e cuideachd ag obair na eadar-theangair oifigeil agus litreachail, le dreachan aige air obair le Cavafy, Yeats, Neruda, Milosz, Rósewicz, Popa, Holub, Aspenstrom agus Snyder, an lùib na tha e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. 

Tha Rody air cruinneachaidhean den bhàrdachad aige fhèin fhoillseachadh, ann am Beurla, Gaeilge agus Gàidhlig, leithid Fax(1996), Flora From Lusitania (2005), Zonda? Khamsin? Sharaav? Camanchaca? (2006) agus Beartan Briste/Burstbrokenshroudloomdeeds (2011). Chaidh cruinneachadh de dhàin thaghta sa Ghàidhlig agus ann an Gàidhlig na h-Èirinn, Chernilo, fhoillseachadh an 2006.  ’S iad Trìmheamhan (2017), Cuala, Dothra (2021) agus Lorg Eile/Final Call (2022) cuid de na cruinneachaidhean as ùire aige.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.