Home > Event > Taisbeanadh Stiùidio Fhosgailte UHI

Open Studios Exhibition 2025

Taisbeanadh Stiùidio Fhosgailte UHI

Taisbeanadh de dh’obair nan oileanach air NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Ealain Fìnealta

Tha UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall moiteil fiathachadh a thoirt dhuibh gu Taisbeanadh Stiùidio Fhosgailte na bliadhna, a’ sealltainn obair nan oileanach bho chùrsaichean NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Ealain Fìnealta.

Nach tig sibh còmhla rinn airson cuirm fosglaidh air Dihaoine 9 Cèitean, 6-8f, airson na h-oidhirp aca a chomharrachadh? Tha seo fosgailte don h-uile duine, le deochan rim faighinn cuideachd.

Tha an taisbeanadh bliadhnail a’ toirt ri cheile obair bho oileanaich na sgoil ealain air fad, a’ sealltainn ìre agus farsaingeachd na h-obrach ga dhèanamh thairis air an dà chùrsa ealain. Gheibh sibh sgrùdaidhean air cruthan-ealain, clò-bhualadh, dealbhan, stàladh-ealain, dealbhadaireachd, obair-fighe agus a bharrachd. An lùib na cuspairean a tha a’ nochdadh, tha draghan mu eag-eòlas agus àrainneachd, beachdan phearsanta agus cruinneil, agus rannsachadh stuthan.

A’ taisbeanadh an cuid obrach tha: Maggie Barker, Janet Beck, Natalie Cloughley-Macleod, Sue Envill, Elizabeth French, Philly Hare, Leo Jackson-Horn, Sandra Robasdan, Ania Rolinska, Caroline Williams agus Charlotte Young. Tha pìosan obrach ann rin ceannach, airson taic a thoirt don luchd-ealain san leasachadh chruthachail aca.

Tha taisbeanadh Stiùidiothan Fhosgailte ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh an Stiùidio ann an Taigh Chearsabhagh, Diluain gu Disathairne 10m – 4f, bho 10 Cèitean – 21 Ògmhios. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean ealain agus roghainnean ionnsachaidh, tadhalaibh air: UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall

Ma tha ùidh agaibh ionnsachadh aig an sgoil ealain, cuiribh fios thugainn:

Postd: LeArt@uhi.ac.uk

Instagram: @uhi_nwh_uist_artschool

 

Còir-deilbhe: Leo Jackson-Horn.