Home > Event > Bùth-obrach sgrìobhaidh le Fiona Moore

Bùth-obrach sgrìobhaidh le Fiona Moore

Bidh a’ bhana-bhàrd Fiona Moore a’ tadhal oirnn air a’ mhìos seo is a’ tabhann bùth-obrach sgrìobhaidh aig Taigh Chearsabhagh, aig 10.30m air Dihaoine 27 Ògmhios. Nach tig sibh còmhla rinn airson seisein ann an sgrìobhadh cruthachail agus ionnsachadh bhon stiùireadh aig Fiona? Chan eil mòran àiteachan ann ged tà agus bu chòir tiogaid a ghlèidheadh gu h-ìosal.

’S e bàrd is deasaiche a th’ ann a Fiona Moore, is bidh i cuideachd a’ dèanamh lèirmheas air bàrdachd a bharrachd air a’ sgrìobhadh bàrdachd agus blog i fhèin. Tha i a’ fuireach ann an Greenwich, Lunnainn, far am bi i ag iomairt airson na h-àrainneachd.

B’ e The Distal Point (Happenstance) a’ chiad chruinneachadh aig Fiona agus fhuair e moladh PBS, a bharrachd air àite air geàrr-liosta dhuaisean TS Eliot agus Seamus Heaney. Chaidh an darna leabhar aice, Okapi fhoillseachadh an Alba cuideachd, le Blue Diode, as t-fhoghar 2024. Tha a’ mhòr-chuid dhen sin stèidhichte sna Hearadh, far an deach i a dh’fhuireach airson 6 mìosan as t-fhoghar 2019 agus (gu fortanach) bha i glaiste ann an uair sin leis a’ ghlasadh-sluaigh. Tha Fiona air sgioba ràitheachan bàrdachd Magma agus i air deasachadh irisean air atharrachadh gnàth-shìde agus eileanan. Tha i na ball den chomataidh aig fèis ùr Poetry in Aldeburgh.

Bidh Fiona a’ leughadh an obair aice fhèin dhuinn aig feasgar bàrdachd ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 26 Ògmhios, aig 7.30f. Chan fheum sibh tiogaid airson an fheasgar bàrdachd, ach faodaidh sibh bàrdachd air cuspair ‘Eileanan’ a thoirt leibh ma tha sibh fèin ag iarraidh leughadh dhuinn cuideachd.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Naomi Woddis