Home > Event > Feasgar bàrdachd le Fiona Moore

Feasgar bàrdachd le Fiona Moore

Bidh sinn a’ cur fàilte air Fiona Moore, airson leughadh dhuinn aig feasgar bàrdachd air Diardaoin 26 Ògmhios, aig 7.30f. Tha Fiona na bàrd is na deasaiche, a’ dèanamh lèirmheas air bàrdachd a bharrachd air a’ sgrìobhadh bàrdachd agus blog i fhèin. Tha i a’ fuireach ann an Greenwich, Lunnainn, far am bi i ag iomairt airson na h-àrainneachd.

’S e ‘Eileanan’ cuspair an fheasgair is eòlas aig Fiona air a seo cuideachd. Tha sibh làn di-beathte dàn a thoirt leibh air a’ chuspair seo, ma tha sibh ag iarraidh leughadh dhuinn.

B’ e The Distal Point (Happenstance) a’ chiad chruinneachadh aig Fiona agus fhuair e moladh PBS, a bharrachd air àite air geàrr-liosta dhuaisean TS Eliot agus Seamus Heaney. Chaidh an darna leabhar aice, Okapi fhoillseachadh an Alba cuideachd, le Blue Diode, as t-fhoghar 2024. Tha a’ mhòr-chuid dhen sin stèidhichte sna Hearadh, far an deach i a dh’fhuireach airson 6 mìosan as t-fhoghar 2019 agus (gu fortanach) bha i glaiste ann an uair sin leis a’ ghlasadh-sluaigh. Tha Fiona air sgioba ràitheachan bàrdachd Magma agus i air deasachadh irisean air atharrachadh gnàth-shìde agus eileanan. Tha i na ball den chomataidh aig fèis ùr Poetry in Aldeburgh.

Bidh Fiona cuideachd a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 27 Ògmhios, 10.30-12.30. Tha seo an-asgaidh ach feumaidh sibh tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Naomi Woddis