Home > Event > Oceans, le David Attenborough

Profile of David Attenborough against a blue sky with wisps of cloud and an island in the background.

Oceans, le David Attenborough

(95 mionaid. PG)

Air Disathairne 21 Ògmhios, a’ leantainn le latha far am bi sin a’ gabhail beachd air na th’ ann de bheatha fon mhuir, thèid film ‘Ocean, le David Attenborough’ a shealltainn ann an Taigh Chearsabhagh, an dèidh bùth-obrach In the Wake of Whales.

Seallaidh an craoladair is filmeadair cliùteach mar a tha an cùrsa beatha aige fhèin air tighinn an cois linn shònraichte ann an rannsachadh mara. Bidh dealbhan-film iongantach gar bogadh ann am mìorbhail beatha fon mhuir, agus a’ taisbeanadh na fìor dhùbhlain a tha mu choinneimh na cuantan againn, mar nach fhacas a-riamh roimhe. Ach ’s e sgeulachd le misneachd a th’ ann, is Attenborough gar stiùireadh gu sgeulachdan brosnachail bho air feadh an t-saoghail, airson an teachdaireachd as motha aige a thoirt seachad: ’s urrainn don chuan tighinn am feabhas gu ìre glòrmhor nach fhacas duine beò roimhe.  

‘Ga sgaoileadh air a’ cho-là-breith aige aig aois 99 bliadhna agus ga thoirt seachad ann an co-theacsa a’ chùrsa-beatha shònraichte aige, tha ùghdarras Sir David co-ionnan a-mhàin ri mòrachd nàdar fhèin san fhilm seo a tha na iongnadh dhar sùilean.’ The Guardian

Glèidhibh tiogaidean airson Ocean tron t-siostam thiogaidean Pàigh na Thogras Tu gu h-ìosal, far an urrainn dhuibh fhèin taghadh de phrìs a tha sibh ag iarraidh pàigheadh airson tiogaid.

Bidh Ocean ga shealltainn ann an Studio 1 ann an Taigh Chearsabhagh, aig 7.15f air Disathairne 21 Ògmhios, an dèidh bùth-obrach In the Wake of Whales. Tha sibh làn di-beathte tadhal a-steach air a’ bhùth-obrach cuideachd, uair sam bith bho 5f-7f, agus cuideachadh le sgeadachadh nam mucan-mara, no faodaidh sibh dìreach coimhead orra tighinn gu bith.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo. Tha UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus an British Film Institute.