Thigibh còmhla rinn aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean airson comharrachadh beatha 55 muc-mhara cheannmhor fhad-iteach agus an sgeulachd iongantach aca mus do chaill iad am beatha is iad air a dhol air tìr air an Tràigh Mhòr ann an Tolastadh bho Thuath air 16 Iuchar 2023.
Cuide ri sgoiltean ann an Uibhist, na Hearadh agus Leòdhas, tha sinn a’ toirt urram do bheatha agus slighe nam beathaichean le bhith a’ cruthachadh agus a’ sgeadachadh mucan-mara cheannmhor air an dèanamh le cairt-bhòrd, aig meud muc-mara fìor. ’S urrainn dhuibhse a bhith an lùib an rud sònraichte seo: trobhadaibh ann agus cuidichibh sinn gus na beathaichean seo a thoirt beò, no dìreach thigibh a dh’fhaicinn iad a’ tighinn gu bith!
Freagarrach air gach aois, tha an tachartas gnìomhach seo a’ toirt fiathachadh dhuibh peantadh, clò-bhualadh agus teachdaireachdan a sgrìobhadh air “a’ Mhuc-mara Coimhearsnachd” againn agus smaoineachadh air a beatha fon mhuir. Thèid na stuthan air fad a tha a dhìth a thoirt seachad.
Tadhalaibh a-steach dhan t-seisean againn aig Taigh Chearsabhagh uair sam bith bho 5f – 7f air Disathairne 21 Ògmhios. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
‘S urrainn dhuibh cuideachd cuir ris a’ phròiseact tro sgeulachdan agus Ribeanan Mara a bhios nam pàirt den obair ealain aig an deireadh: https://www.northharrisstudio.co.uk/stories-and-sea-ribbons
Thèid an obair a chur an cois chàich bho air feadh nan eilean ann an compàirteachas de dh’obair ealain a thèid a thaisbeanadh air 12 Iuchar 2025 mar phàirt de Keening: Song of the Stranding. ’S urrainn dhuibh barrachd ionnsachadh mun phròiseact agus an sgeulachd air a chùlaibh aig: northharrisstudio.co.uk/keening.
