Tha an t-àm sin den bhliadhna ann a-rithist, is Comann Ealain Uibhist a’ toirt dhuinn taisbeanadh shònraichte de dh’obair luchd-ealain an àite, aig Taisbeanadh Fhosgailte an t-Samhraidh, a tha a’ ruith bho dheireadh an Ògmhios gu meadhan an Lùnastail. Tha Stiùidiothan 1 + 2 làn obair ealain bho bhuill an UAA, le iomadh meadhan ealain na lùib, agus a’ mhor-chuid dhiubh gan reic.
Nach tig sibh còmhla rinn airson saothair an luchd-ealain ionadail againn fhaicinn, aig ro-shealladh an taisbeanaidh air Dihaoine 27 Ògmhios, aig 7f. Bidh fàilte romhaibh ann an Stiùdio 1 + 2 agus cothrom agaibh coinneachadh ris an luchd-ealain. Bidh deochan is greimean-bìdhe rim faighinn.
Thèid pìosan obrach a bharrachd a chur ris, rè ùine an taisbeanaidh, nuair a thèid cuid eile a reic. Mar sin ’s d’fhiach tadhal barrachd na aon turas! Bidh cuid den luchd-ealain cuideachd ag obair gu saor-thoileach aig an taisbeanadh tron t-sàmhraidh is tha sibh làn di-beathte tadhal a-steach a bhruidhinn riutha.
Tha Taisbeanadh Fosgailte an t-Samhraidh aig an UAA ri fhaicinn an-asgaidh ann an Stiùidio 1 + 2, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f, bho 28 Ògmhios gu 15 Lùnastal. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
