Home > Event > BONNACH: Dèan

BONNACH: Dèan

Thig nar cuideachd airson feasgar càirdeil, socair còmhla ri Frances Mary Driscoll, Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais, air Diluain 16 Gearran, 7f.

’S e neach-ealain ioma-chuspaireil a th’ ann am Frances, stèidhichte ann an Glaschu. Tha Gàidhlig aice, agus tha an obair bheothail aice a’ measgachadh collage, ìomhaighean agus teacsa airson beachdachadh air cultar agus mar a tha e greis air iasad, air a dhèanamh às ùr, agus air a thoirt seachad. Tha ùidh shònraichte aice ann an cànan agus mar a dh’fhaodas sgeul eadar-dhealaichte a bhith aig faclan agus ìomhaighean.

’S e tachartas spòrsail, practaigeach a bhios ann, stèidhichte air bonnach.

Nì sinn bonnaich, bruidhnidh sinn mu bhith a’ còcaireachd agus a’ fuine airson fèilltean sònraichte, nì sinn iomlaid air reasabaidhean, agus innsidh sinn sgeulachdan. Nì sinn cuideachd collage còmhla ri chèile, agus bidh cothrom agaibh cairt bhonnach a chruthachadh dhuibh fhèin. Bidh an tachartas freagarrach do gach aois.

Ma tha reasabaidhean no cuimhneachain agaibh air bonnaich, thoiribh leibh iad. Bidh fàilte chridheil ron a h-uile duine.

Chan eil mòran àiteachan ann is bu chòir dhuibh tiogaid a ghlèidheadh tron t-siostam air-loidhne againn gu h-ìosal. Cuiribh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org ma tha feumalachdan bìdhe no inntrigidh agaibh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.