Home > Event > Feasgar bàrdachd: Beth Frieden

Feasgar bàrdachd: Beth Frieden

Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ bhàrd Beth Frieden tadhal oirnn airson Feasgar Bàrdachd na mìos-sa, ann an Seachdain na Gàidhlig. Nach tig sibh a dh’èisteachd Beth a’ leughadh taghadh den bhàrdachd aice, air Diardaoin 26 Gearran aig 7.30f?

Fosgailte don h-uile duine, le deochan gan toirt seachad, tha an tachartas seo an-asgaidh agus chan fheum sibh tiogaid a ghlèidheadh.

Bidh Beth cuideachd a’ stiùireadh bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 26 Gearran aig 1.30f. Chan eil mòran àiteachan ann agus feumar tiogaid a ghlèidheadh airson seo.

Bidh Beth Frieden a’ sgrìobhadh bàrdachd ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Choisinn i Duais Sgrìobhadairean Ùra Albannach airson Bàrdachd Ghàidhlig ann an 2021, agus chaidh a taghadh na Genesis Foundation Jewish Book Week Emerging Writer ann an 2023-24. Chaidh a’ chiad bhileag aice, Acair san talamh / Anchor in the land, fhoillseachadh ann an 2023 le Stewed Rhubarb. Chaidh bàrdachd leatha fhoillseachadh ann an Gutter Magazine, New Writing Scotland, agus air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean, a bharrachd air nochdachd aig Fèis Bàrdachd StAnza. Tha i air obrachadh cuide ri Inky Fingers mar bhàrd agus neach-taic bàrdachd.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.