Home > Event > Bùth-obrach sgrìobhaidh le Beth Frieden

Bùth-obrach sgrìobhaidh le Beth Frieden

Nach tig sibh a dhèanamh beagan sgrìobhaidh, le stiùireadh bhon bhàrd Beth Frieden, aig bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Seachdain na Gàidhlig, air Diardaoin 26 Gearran, aig 1.30f?

Tha a’ bhùth-obrach an-asgaidh ach chan eil mòran àiteachan ann is bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm, tron t-siostam thiogaidean againn gu h-ìosal.

Bidh Beth cuideachd a’ leughadh taghadh den bhàrdachd aice fhèin aig an Fheasgar Bàrdachd againn, aig 7.30f air Diardaoin 26 Gearran. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, bhiodh sinn toilichte ur faicinn ann.

Bidh Beth Frieden a’ sgrìobhadh bàrdachd ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Choisinn i Duais Sgrìobhadairean Ùra Albannach airson Bàrdachd Ghàidhlig ann an 2021, agus chaidh a taghadh na Genesis Foundation Jewish Book Week Emerging Writer ann an 2023-24. Chaidh a’ chiad bhileag aice, Acair san talamh / Anchor in the land, fhoillseachadh ann an 2023 le Stewed Rhubarb. Chaidh bàrdachd leatha fhoillseachadh ann an Gutter Magazine, New Writing Scotland, agus air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean, a bharrachd air nochdachd aig Fèis Bàrdachd StAnza. Tha i air obrachadh cuide ri Inky Fingers mar bhàrd agus neach-taic bàrdachd.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.