Home > Event > Feasgar bàrdachd le Anna Frater

Feasgar bàrdachd le Anna Frater

Bidh a’ bhana-bhàrd Ghàidhlig, Anna Frater, air aoigheachd againn air a’ mhìos seo. Bhiomaid toilichte ur faicinn ann an Taigh Chearsabhagh airson feasgar de bhàrdachd air Diardaoin 26 Màrt, aig 7.30f, far am bi Anna a’ leughadh cuid den obair aice dhuinn ann an Gàidhlig agus Beurla.

Bidh cothrom ann dhuibh leughadh pìos bàrdachd as toigh leibh fhèin, aig an open mic. ’S e ‘Sligean’ an cuspair againn airson na h-oidhche, cuspair air a thogail bhon chiad chruinneachadh bàrdachd aig Anna. Faodaidh sibh am facal sin a chleachdadh ann an dòigh sam bith – a bheil e a’ ciallachadh fasgadh, sàbhailteachd, còmhdachd, taigh, falach, no sàchair? Ach, mar as àbhaist, chan eil uallach oirbh gabhail pàirt!

Bidh Anne cuideachd a’ stiùireadh bùth-obrach sgrìobhaidh air Dihaoine 27 Màrt, bho 10m-12f. Tha an tachartas seo an-asgaidh ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

’S ann à Eilean Leòdhais a tha Anna Frater is chaidh a togail ann an sgìre An Rubha. ’S e Gàidhlig a chiad cànan, agus an cànan anns a bheil i a’ sgrìobhadh bàrdachd. Chaidh a’ bhàrdachd aice fhoillseachadh an toiseach ann an Gairm (1986) nuair a bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich i le Ceum le Urram ann an Ceiltis is Frangais. An dèidh trèanadh na neach-teagaisg àrd-sgoile, thill i a dh’Oilthigh Ghlaschu far an do choisinn i PhD airson an tràchdas aice air Bàrdachd Ghàidhlig Bhoireannaich Albannach gu 1750. Tha i an-dràsta ag obair aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, aig Colaisde a’ Chaisteil, far a bheil i a’ teagasg litreachas Ghàidhlig.

Nochd an obair aig Anna ann an dà chruinneachadh, Fon t-Slige (Gairm, 1995) agus Cridhe Creige (Acair, 2017). Chaidh Crùn a’ Bhàird aig a’ Chomunn Ghàidhealaich a bhuileachadh oirre aig a’ Mhòd Nàiseanta an-uiridh. 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: An Comunn Gàidhealach.