Home > Event > Bùth-obrach sgrìobhaidh le Anna Frater

Bùth-obrach sgrìobhaidh le Anna Frater

Nach tig sibh dhan bhùth-obrach sgrìobhaidh againn, is a’ bhana-bhàrd Ghàidhlig Anna Frater againn air aoigheachd air a’ mhìos seo? Bidh Anna a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 27 Màrt, 10m-12f. Tha seo an-asgaidh ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm, tron t-siostam air-loidhne againn, gu h-ìosal. **Thoiribh an aire gu bheil am bùth-obrach seo a’ tòiseachadh beagan nas tràithe, aig 10m.

Bidh Anna cuideachd a’ leughadh dhuinn aig an Fheasgar Bàrdachd againn air Diardaoin 26 Màrt, 7.30f. Bidh fàilte romhaibh agus faodaidh sibh fhèin leughadh dhuinn cuideachd ma thogras sibh!

’S ann à Eilean Leòdhais a tha Anna Frater is chaidh a togail ann an sgìre An Rubha. ’S e Gàidhlig a chiad cànan, agus an cànan anns a bheil i a’ sgrìobhadh bàrdachd. Chaidh a’ bhàrdachd aice fhoillseachadh an toiseach ann an Gairm (1986) nuair a bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich i le Ceum le Urram ann an Ceiltis is Frangais. An dèidh trèanadh na neach-teagaisg àrd-sgoile, thill i a dh’Oilthigh Ghlaschu far an do choisinn i PhD airson an tràchdas aice air Bàrdachd Ghàidhlig Bhoireannaich Albannach gu 1750. Tha i an-dràsta ag obair aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, aig Colaisde a’ Chaisteil, far a bheil i a’ teagasg litreachas Ghàidhlig.

Nochd an obair aig Anna ann an dà chruinneachadh, Fon t-Slige (Gairm, 1995) agus Cridhe Creige (Acair, 2017). Chaidh Crùn a’ Bhàird aig a’ Chomunn Ghàidhealaich a bhuileachadh oirre aig a’ Mhòd Nàiseanta an-uiridh. 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: An Comunn Gàidhealach.