Home > Event > Bùth-obrach: Seinn Sailm sa Ghàidhlig – *Uair is àite ùr

Bùth-obrach: Seinn Sailm sa Ghàidhlig – *Uair is àite ùr

Ron sgrìneadh den fhilm Sailm nan Daoine ann an Talla Chàirinis, bidh Rob MacNeacail a’ cumail bùth-obrach seinn sailm sa Ghàidhlig ann an Talla Chàirinis air Diardaoin 24 Sultain, 5-7f. 

‘S e suidheachadh blàth, càirdeil a bhios ann, ge brith dè an comas seinn agaibh. Ge brith a bheil sibh fileanta sa Ghàidhlig, ag ionnsachadh no dìreach ùidh agaibh ann, thigibh a dh’fhaireachdainn dhuibh fèin an cumhachd a th’ aig seinn ann am buidhinn!

“Dhòmhsa, chan eil càil ann coltach ri coimhearsnachd tighinn còmhla ’s a’ co-roinn an cuid fhaireachdainn tro sheinn.’’

“’S e an ceòl as fheàrr an ceòl na thachras’’

’S urrainn dhuibh cuideachd tiogad fhaighinn airson sgrìneadh fhilm Sailm nan Daoine, ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Diardaoin 24 Sultain aig 7f, le seisean Ceist & Freagairt le Rob MacNeacail ann an dèidh an fhilm. Tha prìs nas ìosaile ann airson tiogaid a cheannach airson an dà chuid còmhla!