Stiùiriche: Jack Archer / An Rìoghachd Aonaichte / 2026 / 84 mionaid
Ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Diardaoin 24 Sultain aig 7f, thigibh còmhla rinn airson film Sailm nan Daoine.
Tha Rob MacNeacail a’ dol air an rathad, tarsainn Alba is Èirinn, airson traidisean seinn nan sailm Ghàidhlig a rannsachadh. ’S e cuideachd a chur an ceòl airson an fhilm ri chèile, a’ gabhail a-steach fuinn, clàraidhean a-muigh agus ceòl a thachair ris air an t-slighe. Air a stiùireadh le Jack Archer (Bill Douglas: My Best Friend), tha am film a’ làimhseachadh seinn nan sailm chan ann mar annas eachdraidheil, ach mar rud coitchean agus gu daingeann beò.
’S e film dibhearsaineach is blàth-chridheach a th’ ann an Sailm nan Daoine, mu dheidhinn neart coimhearsnachd, teaghlach agus mar a dh’fheumar a bhith seasmhach airson cànan a chumail beò.
“Dhòmhsa, chan eil càil ann coltach ri coimhearsnachd tighinn còmhla ’s a’ co-roinn an cuid fhaireachdainn tro sheinn.’’
“’S e an ceòl as fheàrr an ceòl na thachras’’
Jack Archer, Stiùiriche:
“’S e co-obrachadh a th’ anns an fhilm seo. Tha seinn sailm Ghàidhlig aig a’ chridhe ach tha sinn a’ leantainn loidhnichean a tha a’ ceangal farsaingeachd saoghal na Gàidhlig gu lèir, gun feart do na structaran fuadan agus dearbh-aithne rag air am sparradh le colòinianaich agus crìochan nàiseanta. Tha co-thuiteamas deònach na lùib, cuairt rathaid air a bhrosnachadh le seiseanan ciùil agus bàrdachd. Sgeulachd mu dheidhinn dìleab, àraich agus coimhearsnachd.”
Gheibh sibh tiogaidean airson Sailm nan Daoine gu h-ìosal, ga shealltainn ann an Stiùidio 1 ann an Talla Chàirinis aig 7f air Diardaoin 24 Sultain. Bidh seisean Ceist & Freagairt ga chumail le Rob MacNeacail an dèidh an fhilm.
Ron fhilm, bidh Rob MacNeacail a’ cumail bùth-obrach seinn sailm sa Ghàidhlig ann an Talla Chàirinish aig 5-7f. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air duilleag a’ bhùth-obrach. Tha prìs nas ìosaile ann airson tiogaid a cheannach airson an dà chuid còmhla!
Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm. Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo. Tha UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus am British Film Institute.
