Home > Event > 30

The number 30 created in mini photos from the Taigh Chearsabhagh archives, and the Taigh Chearsabhagh logo in blue.

30

Tha sinn air 30 bliadhna a ruighinn!

As t-earrach, bidh Taigh Chearsabhagh air a bhith fosgailte fad 30 bliadhna, le ceudan (’s dòcha mìltean!) de thachartasan ealain is dualchas air gabhail àite san ùine sin.  Tha sinn a’ toirt sùil air ais le cuimhneachain laghach air taisbeanaidhean tharraingeach, cèilidhean, bùthan-obrach, agus a h-uile sian eile! Gabhaibh ùine airson a dhol an lùib an tasglainn, coimhead tro na leabhraichean dhealbhan, agus chì sibh cò a dh’aithnicheas sibh, bho 1995 chun an latha an-diugh!

Ma tha dad agaibh a tha a dhìth bhon chruinneachadh seo, leithid postairean, cairtean taisbeanaidh no dealbhan, leigibh fhaicinn dhuinn agus ’s urrainn dhuinn lethbhreac a dhèanamh airson a chur air a’ bhalla no air a’ bhòrd.

Tha an taisbeanadh fosgailte bho Dhisathairne 1 Gearran, ann an Gailearaidh 2 agus sa Chafaidh. Tha sinn a’ cur air dòigh partaidh airson an taisbeanaidh a thoirt gu crìoch – tuilleadh fios ri thighinn!

Cò ris a bhios an ath 30 bliadhna coltach? ’S dòcha gu bheil an t-àm a dh’fhalbh a toirt beachd dhuinn..

Chithear an taisbeanadh an-asgaidh, ann an Gailearaidh 2, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.