Thigibh a choimhead toradh na h-obrach acasan a thug sùil orra fhèin tro na bùthan-obrach fèin-phortrait, A’ Coimhead Oirnn Fhèin. Thàinig an taisbeanadh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh a-mach à sreath bhùthan-obrach ann an Taigh Chearsabhagh, a rinn sgrùdadh air mar a tha sinn gar faicinn fhein, a’ lorg dhòighean is beachdan ùra ann a bhith a’ cruthachadh ìomhaigh phearsanta dhinn fhèin.
Tha ‘A’ Coimhead Oirnn Fhèin’ ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 3 Dàmhair – 30 Samhain, Diluain gu Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
