Thigibh còmhla rinn airson tachartas a bhios a’ beachdachadh air na dòighean anns a bheil daoine, àiteachan agus tachartasan gan cumail an cuimhne tro bhàrdachd is òrain Ghàidhlig.
Le bhith a’ cruthachadh carragh-cuimhne Covid airson na h-Eileanan an Iar, tha pròiseact A’ Cuimhneachadh Còmhla ag amas air dòigh chruthachail a thabhann anns an urrainn do na coimhearsnachdan eileanach againn làimhseachadh an troimh-a-chèile agus call a thàinig oirnn thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad den ghalar, a bharrachd air comharrachadh an neart is fulangas a thug an comas dhuinn dèanamh a’ ghnothaich air dùbhlain mhòra.
Bidh an taisbeanadh de bàrdachd is òrain Ghàidhlig, air an gabhail le Liam Crause agus Peigi Nic a’ Phiocair, a’ tabhann suidheachaidh anns an gabh meòrachaidhean dhaoine air a’ phandemic a thoirt seachad, a bharrachd air beachdan air mar a ghabhadh carragh-cuimhne Covid a chruthachadh agus obrachadh anns na h-eileanan againn.
Bidh Liam Crouse a’ seinn, a’ piobaireachd, agus corra uair a’ sgriobhadh bardachd-orain sa Ghaidhlig, is leis an do choisinn e duais Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean, airson Sgriobhadair Ur Bardachd Ghaidhlig ann an 2019. Tha a’ bhardachd aige tric ann am meatair thraidiseanta airson seinn, agus dualtach bualadh air beatha ann an Uibhist a Deas, far a bheil e a’ fuireach.
Tha Peigi Nic a’ Phiocair a’ teagasg òrain Ghàidhlig ann am bun-sgoiltean Uibhist, a bharrachd air a bhith na Co-òrdanaiche aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson Bàrdachd Ghàidhlig do Sgoiltean. Cheumnaich i bho Oilthigh Ghlaschu bho choinn ghoirid, an dèidh sgrùdadh Litreachas Gàidhlig agus Beurla aig ìre fo-cheum, agus gu sònraichte a’ coimhead air litreachas Bheurla san 20mh linn aig ìre Maighstireachd am-bliadhna. Thogadh Peigi san Eilean Sgitheanach agus tha ceanglaichean teaghlaich aice le Uibhist a Tuath.
Chan eil ach àireamh bheag de thiogaidean ri fhaighinn airson an tachartais seo. Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.