’S e Aghaidh Ris An Achadh, le Fraser MacBheatha, stàladh lèir-chlaistinneach a tha a’ tarraing ri chèile stuthan ailtireachd a chaidh a shàbhaladh, criomagan de dh’fhilmichean tasglainn coimhearsnachd, clàraidhean a-muigh is clàraidhean tasglainn, fuaim agus bathar-bog eadar-ghnìomhach, airson sgrùdadh a dhèanamh air crìonadh àireamh-sluaigh dùthchail, air cuimhne agus air cruthan àite a tha a’ dol à sealladh.
Tha an obair seo a’ rannsachadh atharrachadh chultarach agus crìonadh sluaigh ann an Innse Gall far a bheil dachaigh an neach-ealain. Mean air mhean, air feadh an t-saoghail, tha e a’ faireachdainn coltach gu bheil cultar ga ath-chruthachadh gu bhith na rud air a rianachd seach na rud anns a bheil daoine beò. Tha e a’ leantail, ach gu tric mar iomradh no mar chuimhne.
Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh fosglaidh air Aghaidh ris an Achadh ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 3 Dàmhair, aig 7f. Tha seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, le deochan is greimean-bìdh gan toirt seachad.
Ann an Innse Gall, cha robh cultar air a sgaradh bho bheatha làitheil. Bha cruth ga chur air tro bhith faisg air a chèile, le uallach ga roinn, agus le aire don àite fhèin. Mar a tha àireamhan sluaigh a’ crìonadh agus siostaman a’ leudachadh, tha e a fàs nas duilghe na suidheachaidhean sin a chumail suas agus bidh traidisean a’ tionndadh gu bhith na thaisbeanadh.
Tha an obair seo a’ faighneachd an gabh cultaran beaga a chumadh còmhla fhathast. Chan eil an t-àm a dh’fhalbh seachad fhathast ach ’s e rud a th’ ann air a bheil uallach oirnn a chumail a’ dol, agus tha an stàladh a’ sgrùdadh mar a tha an dìleab sin a’ suidhe taobh a-staigh co-theacsa ùr-nòsach. Às aonais gnìomh còmhla, tha cunnart ann gum fàs cultar tana, air a sgaradh, no càillte.
Tha an stàladh a’ sealltainn seo le bhith ag atharrachadh a’ bhuaidh a th’ aige a rèir na h-àireimh de dhaoine a tha san àite. Mar a bhios an àireamh sin a’ dol am meud, aithnichidh sibh gu bheil ìomhaighean a’ fàs nas soilleire, fuaimean nas co-chòrdail agus an solas nas soilleire.
An urrainn dhuinn a bhith beò taobh a-staigh cultair a-rithist, no a bheil e an dàn dhuinn dìreach a bhith a’ coimhead gu miannachail tro ghlainne thaigh-tasgaidh?
Tha Fraser MacBheatha na neach-ealain lèir-chlaistinneach, sgrìobhadair-ciùil agus neach-clàraidh a-muigh, à Eilean Leòdhais. Tha an obair aige ag amas, gu ìre, air dìleab luchd-clàraidh an 20mh linn a chumail beò, iadsan a bha a’ clàradh cultar dùthchail na h-Alba, agus aig an aon àm na stuthan sin a chleachdadh gus obair-ealain ùr-nòsach a chruthachadh a tha a’ nochdadh fìrinneachd an là an-diugh. Tha an obair aige tric a’ pòsadh eileamaidean thraidiseanta le teicneòlas lèir-chlaistinneach ùr-nòsach. A’ cruthachadh aithrisean a tha a’ fighe na chaidh seachad roimhe agus na tha air thoiseach oirnn, a’ togail fhaireachdainnean air cuimhne is air àite, fèin-aithne chultarail, agus an dàimh eadar tràdisean agus ùr-nòsachd.
Chì sibh Aghaidh Ris An Achadh an-asgaidh ann an Gailearaidhean 1 + 2, Diluain gu Disathairne, 10m agus 4f, bho 3 Dàmhair gu 24 Dùbhlachd. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Fraser MacBheatha air Instagram: www.instagram.com/frasermacbeath.av/
