Air Lorg Erskine: air ealain, sinnsireachd, agus àite
“…when the over and done with comes alive, when the blind field comes into view, when your own and another’s shadow shines brightly”
Avery Gordon, Ghostly Matters (Minnesota University Press, Minneapolis, MN), 197.
Tha an taisbeanadh seo a-mach air mar a bhios ealain gar ceangal ri sinnsearachd is àite tro shreath coileantach obraichean a tha a’ toirt freagairt air eilean-mara bàn Bhàlaigh, Uibhist a Tuath. Thèid a chur air bhog aig an àm ri sgaoileadh clàr 12 mhìr agus leabhar Arun Sood Searching Erskine, ga sgaoileadh ann an 2022 le Blackford Hill Audio ann an co-bhann ri Random Spectacular; le obair-ealain lèirsinneach ga taisbeanadh le Meg Rodger, Emile Kees, agus Rosalind Blake.
Aig teis-meadhan eachdraidh Bhàlaigh tha Erskine Beveridge (1851 gu 1920) – fear obair-aodaich a chaidh na àrsair, na dhealbhadair agus na àrc-eòlaiche. Mhaoinich obair an aodaich aig Beveridge a chuid siubhail air feadh na h-Alba, às an tàinig foillseachadh caochladh leabhraichean air eachdraidh is àrc-eòlas na h-Alba. Is e a bu shònraichte a chuid cladhaich àrc-eòlaich ann an Innse Gall a rinn e bho thaigh-mòr struidheil – An Taigh Mòr – a chaidh a thogail ann am Bhàlaigh ann an 1905. Bhon taigh-mhòr aige, chladhaich Beveridge “Taighean-ùireach”, lorg e pristealan, chuir e lìomh air mìrean de chnàmhan, agus rinn e mìneachadh air cultaran nan linntean a dh’fhalbh. Tha taigh-mòr Bheveridge air a dhol na thobhta a-nis; agus e air a neadachadh ann an sreathan cultarail is geòlach eachdraidh an eilein e fhèin.
Mar a bha le cladhach Bheveridge, tha na h-obraichean seo a’ feuchainn ri tìmealachd a thoirt gu làr le bhith a’ ceangal nan linntean a dh’fhalbh ris an latha an-diugh ann an dòighean cruth-atharrachail. A’ toirt a-steach fuaim, obair-chlò gheòlach, dealbhan aosmhor agus obair-tharraing chosmasach, tha iad a’ rannsachadh a’ cheangail eadar sinnsireachd, tasgadh, ealain, àrc-eòlas agus àite.
Bidh Air Lorg Erskine fosgailte ann an Gailearaidh 1 bho 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.