An ath— an ath rud — club ealain ùr do dhaoine òga aois 12-20 a tha ag iarraidh smaoineachadh agus cruthachadh ann an àite fosgailte, mac-meanmnach. Bidh na seiseanan air an stiùireach le dithis luchd-ealain, Calum Fearghasadan agus Rosie Blake, a’ tabhann cothruim sgilean agus modhan ealain ùra ionnsachadh tro chruth-ealain is a’ togail dhealbhan gun chamara.
Seo an darna turas a bhios An Ath- a’ cruinneachadh airson dà latha, 17 + 18 Gearran, ann an Taigh Chearsabhagh. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air dèanamh ealain agus bidh na stuthan uile gan toirt seachad dhuibh, agus biadh is deochan. Bidh Calum a’ cleachdadh a chuid Gàidhlig, faodaidh sibhse cuideachd ma thogras sibh!
Nach tig sibh ann, thoiribh leibh caraid, agus rannsaich na rudan anns a bheil ùidh is iarrtas agaibh, tro bhith a’ dèanamh an ath rud!
Feumaidh tu àite a ghlèidheadh aig a’ chluba gus am bi fios againn gu bheil thu a’ tighinn. Faodaidh tu fhèin taghadh ge brith dè phrìs a tha thu a’ smaoineachadh a tha freagarrach dhut fhèin. Tha airgead againn airson bursaraidhean airson cosgaisean siubhail, agus tha sin fosgailte do dhuine sam bith a tha na fheum. Tha sinn air taic-airgid a chosg air tacsaidhean do chom-pàirtichean roimhe, far an robh feum air, agus tha dùil gum bi tacsaidh a’ ruith à Uibhist a Deas gach là. Nam biodh sin na chuideachadh dhut, no ma tha thu feumach air cuideachadh airson lioft fhaighinn, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org
Ma tha feumalachdan sam bith agad airson faighinn a-steach dhan togalach, no aileirdsidh no feumalachdan bìdh sam bith, no rud sam bith eile a dh’fheumas fios a bhith aig an sgioba, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org
Le taing shònraichte do dh’Fhèisean nan Gàidheal agus Maoin Oighreachd a’ Chrùin airson an taic aca.
