Home > Event > Bho UistFilm: Everybody to Kenmure Street

Bho UistFilm: Everybody to Kenmure Street

Sa Chèitean 2021, tha ruaig mhochthrath aig Oifis na Dùthcha na Rìoghachd Aonaichte ag adhbharachadh tè de na h-iomairtean as nàdarrach is soirbheachail de spàirn shìobhalta o chionn ghoirid. Ann am Pollockshields, an nàbaidheachd as iomadach ann an Alba, tha ceudan de luchd-còmhnaidh a’ dol nan cabhag chun na sràidean airson stad a chur air fuadachd nan nàbaidhean.

 

Buannaiche: Sundance Film Festival World Cinema Documentary Special Jury Award for Civil Resistance 

“Fàgaidh an luchd-amhairc am film le togail inntinn, is faireachdainn dòchais as ùr.” – Eye For Film

“Tha Sierra a’ toirt neart nan daoine nar lèirsinn.” – Loud and Clear

“Litir gaoil do thogail fianais shìtheil… teisteanas cumhachdach air comas choimhearsnachd air a’ phàirt acasan den sgeulachd fhaighinn fo smachd” – Screen International

Ga chraoladh ann an taighean-dealbh an Rìoghachd Aonaichte / na h-Èireann sa Mhàrt, tighibh còmhla rinn ann an Gailearaidh 2 ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 20 Màrt aig 7f airson Everybody to Kenmure Street. Chan eil tòrr àite ann is mar sin bhiodh e na b’ fheàrr tiogaid a ghlèidheadh ron àm. Pàighibh na thogras sibh.

 

Teisteanas BBFC: 12A

Beurla / 98 mionaid

Stiùiriche: Felipe Bustos Sierra

Film-aithriseach

Tha am prògram thaisbeanaidh aig UistFilm Presents a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland, pàirt den BFI’s Film Audience Network, a’ riarachadh taic-airgid às leth Screen Scotland agus BFI National Lottery