**Tha a’ bhùth-obrach seo a-nis làn. Cuiribh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org nam bu toigh leibh ainm a chur air liosta-feitheimh.**
Gabh cuairt tro Thaisbeanadh Stiùdio Fhosgailte le Seòras a’ Bhiast-dhubh!
Thig air turas ealain cuide ri Seòras agus an neach-ealain Charlotte Young, a’ coimhead air obair ealain agus a’ faighinn a-mach ciamar a tha iad a’ toirt ort faireachdainn. Sa bhùth-obrach bidh thu a’ sgrùdadh Taisbeanaidh Stiùidio Fhosgailte, a’ taghadh pìos a tha a’ faireachdainn sònraichte dhutsa, agus an uair sin a’ dèanamh an obair ealain agad fhèin a thèid a chur ann an àite-taisbeanaidh beag anns a’ ghailearaidh fhèin!
Tha a’ bhùth-obrach airson clann aois 6-10 bliadhna a dh’aois, agus bidh sibh gam fàgail ann. Chan eil mòran àiteachan ann agus feumar tiogaid a ghlèidheadh. Taghaibh ge brith dè phrìs a tha sibh ag iarraidh. Bidh na stuthan gu lèir gan toirt seachad. Dh’fhaodadh aodach fàs robach, cleachd aodach freagarrach dìreach air eagal!
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
