Is e MOVE an taisbeanadh le Disaster Plan leis an do shoirbhich aig Fèis Dhùn Èideann ’21 mun imrich agus mu leigheas coitcheann, a tha a’ tadhal a-nis air cladaichean na h-Alba as t-samhradh.
“…a production at once rooted and outward looking, unsentimental and sincere, with a sound, if not to die for, then at the very least to be reborn to.” Mark Fisher, The Guardian
Nach tig thu leis an sgioba chruthachail airson buidheann-obrach neo-fhoirmeil de sgeulachdan; dèan suidhe am measg nan eathraichean aosta ann an Caladh Ghriomasaigh agus dèan cabadaich le srùbag is bonnach.
Sa bhùth-obrach seo, nochdaidh sgrìobhadair is stiùiriche soirbheachail an taisbeanaidh, Julia Taudevin, feadhainn de na beachdan a thug oirre an taisbeanadh a sgrìobhadh agus an dòigh-sgrìobhaidh aice a leigeil fhaicinn.
Air a choimiseanadh le Sorcha Monk, Riochdaire Cruthachail An Gàrradh Uibhist a Tuath.
—
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.
Booking
Bookings are no longer available for this event.
