Tha Otter Mountain, Taigh Chearsabhagh agus Slàinte is Spòrs aig Comhairle nan Eilean Siar toilichte obrachadh còmhla airson Campa Saor-làithean a thabhann, a’ gabhail àite airson a’ chiad turas as t-samhradh seo.
Tha an cothrom seo do chloinn aois 6+, gus tighinn còmhla rinn bho 10m – 4f air Dimàirt 5 Lùnastal, airson fad latha de Sgoil Choille, spòrs agus ealain. Bidh rudeigin ann don h-uile duine, eadar cluich a-muigh sa Wee Woodland, geamaichean san talla agus obair ealain a’ gabhail àite tron latha.
Feumar tiogaidean a ghlèidheadh ron àm, tro làrach-lìn Otter Mountain. Bu chòir tiogaid a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn leis nach eil mòran àiteachan ann: ottermountain.co.uk/book-a-session
Cosgaidh e £24 do chlann, le ìsleachadh ga thabhann ma tha barrachd na aon duine cloinne agaibh. Cleachdaibh an còd SIB25 ma tha sibh a’ glèidheadh àite do dhithis. Ma tha sibh a’ glèidheadh àite do bharrachd na dithis, cuiribh fios gu Otter Mountain airson còd a bharrachd.
Faodaidh sibh a’ chlann fhàgail agus a thogail a-rithist aig Talla Loch nam Madadh. Bu chòir don aodach a bhith freagarrach airson an t-sìde agus a bhith a-muigh, agus le biadh is deoch airson an latha.
Le taing do dh’Urras Leasachaidh na h-Eileanan an Iar airson taic-airgid airson an tachartais seo.
Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn airson latha làn fealla-dhà!
