Home > Event > CASSIUS X: Becoming Ali

Image of Cassius Clay standing in boxing pose, against a large white X background, overlayed on black. The film title is in red and accolades are in white font.

CASSIUS X: Becoming Ali

Am Fear-sabaid. Am Fear-iomairt. An Deisciobal. Am Fear as Fheàrr.

Tha CASSIUS X: Becoming Ali a’ leantainn bliadhnaichean thràth Cassius Clay, bho fhear òg gun eòlas gu bhith na churaidh trom-chuideam an t-saoghail, agus bho inntleachdach clas-obrach gu bhith na fhear de na luchd-iomairt còirichean catharra as buadhach ann an Ameireaga. Tha am film a’ sealltainn mar a chur an teagasg aig Elijah Muhammad, air a neartachadh le càirdeas leis an t-searmonaiche reabhlaideach Malcolm X, Clay air an t-slighe gu bhith na “Cassius X”, ron inntrigeadh aige gu Nàisean Ioslam agus èirigh gu mòr-ainm Muhammad Ali.

Tha CASSIUS X: Becoming Ali na sgeulachd iongantach air mar a thàinig aon bhocsair òg à Louisville, Kentucky gu bhith na ìomhaigh chultarail do na linntean, air aithneachadh bhon uair sin mar “Am Fear as Fheàrr”.

Tha an stiùiriche film Muta’Ali air duaisean a chosnadh airson a chuid obrach, agus ’s e Cassius X: Becoming Ali am film aithriseach as ùire aige.  Chaidh Muta’Ali ainmeachadh airson Duais NAACP Image airson an Stiùiriche Film Aithriseach as Fheàrr airson an fhilm chliùiteach aige, Yusuf Hawkins: Storm Over Brooklyn.

Teisteanas aois: 12A

Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Tha na h-oidhcheannan film aig UistFilm a-nis gan cumail ann an Taigh Chearsabhagh, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos.  Bidh dorsan a’ fosgladh aig 6.30f, agus filmichean a’ tòiseachadh aig 7f.

Bidh tuilleadh filmichean gan sanasachd a dh’aithghearr.  Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.