Tha Taigh Chearsabhagh toilichte taic a thoirt do aithris òrain Ghàidhlig agus clàrsach le Màiri Callan, a bhuannaich Bonn Òir a’ Mhòid an-uiridh. Thigibh còmhla rinn airson taghadh de dh’òrain agus ceòl air Dihaoine 8 Iuchar, 2-3f. Gabhaidh ticeadan an ceannach air-loidhne no aig an doras.
Bidh Màiri cuideachd a’ cluich aig Ionad Chladach Chirceaboist air 7 Iuchar, 2-3f. Ticeadan rim faighinn air an doras.
Air 9 Iuchar, bidh Talla Choimhearsnachd Bheàrnaraigh a’ cumail oidhche de dh’òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta le Màiri Callan, Janice Simpson, Ruairidh Gray, Coinneach MacPhilip & Marion NicCorcadail. Bidh ticeadan rim faighinn air an doras.