Ceum air adhart: thigibh a chluinntinnn mar a tha na Cuairtean-fuaime againn a’ tighinn air adhart! Thigibh còmhla rinn airson èisteachd ri na chaidh a chruthachadh gu ruige seo, agus airson sgeulachdan mu mhachaire Tobha Mòr a thoirt seachad.
Bha seusan torach de chruthachadh fuaim aig an sgrìobhaiche-ciùil Donnchadh MacLeòid, ag obair ann an co-bhann ri buidhnean coimhearsnachd ionadail gus dà chuairt-fuaime ùr a leasachadh ann am Baile Raghnaill agus Tobha Mòr. Chruthaich e roimhe cuairt-fuaime ‘Machaire’ ann an Lìonacleit airson An Gàrradh, mar phàirt de phròiseact Beàrnan-brìde.
Le measgachadh shònraichte de dh’fuaimean àrainneachd, ceòl, beachdan eag-eòlasach agus òrain; ’s e cuairt stèidhichte a th’ ann an cuairt-fuaime, a’ cleachdadh GPS airson ceangal ri clàr-fuaime tro app, agus a’ cluich a’ chlàradh fuaime aig an àm cheart airson mothachadh bhreàgha a bharrachd a thoirt seachad air an àite, fhad ’s a tha thu a’ coiseachd troimhe.
A’ toirt ri chèile pìosan-ciùil tùsail, fuaimean bho nàdar agus briathran, tha na cuairtean fuaime seo a’ togail faireachdainn air an àite a tha a’ tarraing air àrainneachd nàdarra na h-eileanan, eachdraidh chultaral bheairteach agus cleachdaidhean àiteachais.
Air a chur air dòigh tro sreath bhùthan-obrach air an stiùireadh le Donnchadh MacLeòid, le taic bhon eitn-eòlaiche Ciorstaidh NicDhòmhnaill, neach-ealain Calum MacFhearghais, agus riochdaire cruthachail Sorcha Monk, bha cothrom aig muinntir an àite pàirt a ghabhail ann an iomadh dòigh, leithid mapadh slighean coiseachd agus toirt seachad stuthan airson gach cuairt-fuaime. Tha clàraidhean eachdraidheil bho thasglainn roinneil agus nàiseanta (Sgoil Eòlais na h-Alba) a’ nochdadh an lùib na cuairtean fuaime cuideachd.
‘S urrainn dhuibh cuideachd feuchainn Cuairt-fuaime a tha ga chruthachadh ann an Uibhist a Tuath, air Dihaoine 8 Sultain – Ceum air adhart: Baile Raghnaill
Tha am pròiseact seo a’ faighinn faic bho Oilthigh Nottingham, le taic-airgid bhon Research England Participatory Research Fund.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun chuairt-fuaime aig:
explore.echoes.xyz/collections/brCjdBgDLdNCTeQZ
Fiosrachadh Feumail
Chan eil uair stèidhichte airson tòiseachadh air a’ cheum – tadhalaibh uair sam bith eadar 2f-4f.
Bidh sinn nar feitheamh aig Eaglais Tobha Mòr agus àiteachan-tòiseachaidh, airson ur stiùireadh chun cheum-fuaime.
Gus ar lorg, thig far a’ phrìomh rathad aig Tobha Mòr, agus leanaibh an rathad chun na h-eaglaise aig ceann an rathaid sin.
Airson a dhol air a’ chuairt-fuaime, feumaidh an app Echoes (an-asgaidh) a bhith agaibh air fòn-làimhe. Tha sinn a’ comhairleachadh sin fhaighinn ro-làimhe ma ’s urrainn dhuibh. Bidh taghadh de chluasan-fòn uèir agus Bluetooth againn, no faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma ’s fheàrr leibh. Bidh adaptaran airson cluasan-fòn agus caballan sgoltaidh rim faighinn dhaibhsan a tha ag iarraidh fòn a chleachdadh eatorra.
Tha an t-slighe coiseachd meadhanach mì-chothrom ach tioram mar as trice. Thoiribh leibh aodach agus brògan freagarrach, le fios air cho caochlaideach ’s a tha an t-sìde. Tha sinn a’ comhairleachadh gun toir sibh leibh cè-ghrèine agus botal uisge.
Tha na taighean-beaga as fhaisge aig Eaglais Tobha Mòr.