Home > Event > Ceum-fuaime Grian-stad an t-Samhraidh

Photo of two people walking on the machair, next to a flag, with a blue sky and white cloud behind.

Ceum-fuaime Grian-stad an t-Samhraidh

Measgachadh ùr! Tha susbaint a bharrachd bho Anne NicIllFhialain air a chur ri Cuairt-fuaime Lìonacleit a-nis, agus tha an t-slighe cuideachd a’ leantainn ùtraidean a bharrachd air a’ mhachaire.  Cothrom ùr, taghta ged a bhiodh sibh air a’ Chuairt-fuaime roimhe seo, no ged a bhiodh e gu tur ùr dhuibh, bidh gu leòr ann ri chluinntinn agus ri mhothachadh!

Thigibh còmhla rinn air an fheasgar as fhaide den bhliadhna, airson ceum air a’ mhachaire, ag èisteachd ris an deasachadh ùr shònraichte de dh’fhuaimean bhon àrainneachd, ceòl, beachdan eag-eòlasach agus òrain.  Bidh cothrom ann cuideachd air deochan is còmhradh le buidheann gàirneilearachd Lìonacleit an dèidh làimhe.

’S e cuairt stèidhichte a th’ ann an cuairt-fuaime, a’ cleachdadh GPS airson ceangal a dhèanamh ri traca-fuaime tro app, airson a’ chruinneachaidh fuaim a chluich ann an dòigh co-òrdanaichte a bhios a’ cur ris an fhaireachadh agaibh fhad ’s a tha sibh a’ gabhail cuairt bhreàgha tron àite. 

“Àm dìreach do-chreidsinneach, soilleireachaidh. Cha chuala mi riamh dad buileach coltach ris!”

Air a chur an cèill do Thaigh Chearsabhagh leis a’ cheòladair air mhuinntearas againn, Donnchadh MacLeòid, chaidh a’ chuairt-fuaime seo a chur air dòigh airson An Gàrradh, mar phàirt de phròiseact Beàrnan-Brìde.  Tha Donnchadh a’ tighinn cuide rinn airson ràithe eile de dh’obair chruthachail fhuaimneach, le cuairtean-fuaime ùra sa bheairt, ann an co-bhonn ris a’ choimhearsnachd.

Tha a’ chuairt-fuaime seo air machaire Lìonacleit a’ coimhead air cleachdaidhean agus eag-eòlas na h-àrainn.  Air a thogail bhon fhacal Ghàidhlig airson na talmhainn ìosal, fheurach seo, ’s e machaire aon de na h-àrainn as teairce san Roinn Eòrpa, ach cuideachd aon den fheadhainn as beairtiche a thaobh spèiseis.  Tha e ri fhaighinn air na cladaichean fosgailte san iar, an Alba agus Èirinn a-mhàin, is 70% dhen sin ann an Uibhist.  Tha linntean de chroitearachd aig ìre ìosal air a’ chruth-tìre shònraichte a dhealbhachadh, agus air fiadh-bheatha a bhrosnachadh thairis air mìlltean bhliadhnaichean.  Air a leasachadh ann an co-bhonn leis a’ choimhearsnachd ionadail, tha an obair seo a’ gabhail a-steach aithrisean, clàraidhean-làraich, agus measgachaidhean le clàraidhean fuaim bho thasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, a tha a’ comharrachadh còrr is 70 bliadhna de thraidisean beò.

’S urrainn dhuibh èisteachd ri clàradh ceum-fuaime Lìonacleit air-loidhne an seo. 

Fiosrachadh feumail

Chan eil uair stèidhichte airson tòiseachadh air a’ cheum – tadhalaibh uair sam bith eadar 6-8f. Bidh sinn nar feitheamh aig a’ phàirce-chàraichean agus àite tòiseachaidh, airson ur stiùireadh chun cheum-fuaime.

Gus ar lorg, tionndaidh far a’ phrìomh rathad aig Taigh-òsta an Eilein Dhorcha agus leanaibh an ùtraid seachad air an taigh-òsta chun a’ mhuileann-gaoithe.  ’S e ///abstracts.chain.soft an còd What3Words airson an àite-coinneachaidh.

Airson a dhol air a’ chuairt-fuaime, feumaidh an app Echoes (an-asgaidh) a bhith agaibh air fòn-làimhe.  Tha sinn a’ comhairleachadh sin fhaighinn ro-làimhe ma ’s urrainn dhuibh.  Bidh taghadh de chluasan-fòn uèir agus Bluetooth againn, no faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma ’s fheàrr leibh.  Bidh adaptaran airson cluasan-fòn agus caballan sgoltaidh rim faighinn dhaibhsan a tha ag iarraidh fòn a chleachdadh eatorra.

Tha an t-slighe coiseachd meadhanach mì-chothrom agus tioram mar as trice.  Thoiribh leibh aodach agus brògan freagarrach, le fios air cho caochlaideach ’s a tha an t-sìde.  Tha sinn a’ comhairleachadh gun toir sibh leibh cè-ghrèine agus botal uisge.

Tha na taighean-beaga as fhaisge taobh a-staigh Taigh-òsta an Eilein Dhorcha, no togalach Sgoil Lionacleit, a tha fosgailte gu 9f.

Còir-deilbhe: Sorcha Monk.