Home > Event > Cuirm dùnaidh – Na Raiders: Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag

Cuirm dùnaidh – Na Raiders: Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag

Airson comharrachadh crìoch an stàlaidh aig Calum MacFhionghuin Fearghasdan, Na Raiders: Eilean Mòr aig aon duine is sinne gun fheannag, bu toigh leinn fiathachadh a thoirt dhuibh gu feasgar de thogail bhuntàta agus deasbad, le ceòl beò bho Phàdraig Moireasdan.

Chaidh raiders Bhatarsaigh (le Donnchadh Caimbeul, sinn-sinn seanair an neach-ealain nan lùib) an cur dhan phrìosan ann an 1908 airson fearann an eilein a ghabhail thairis, fearann às an deach nan sinnsearan a chur às le làmhachas-làidir nan uachdaran. Chaidh na deich raiders an leigeil ma sgaoil an dèidh làimh, an dèidh iomairt phoblach – ceum ro chudromach ann an leasachadh an fhearainn an Alba. 

Dh’èirich Raids Bhatarsaigh bho fheum nan daoine airson teàrainte bìdhe; bha buntàta riatanach airson beathachadh dhaoine ann an Innse Gall tron bhliadhna. ’S e stàladh beò a th’ ann am Feannag (2025) – obair fo làimh a thig gu crìoch air feasgar Disathairne 10 Faoilleach 2026, far an tèid am buntàta a thogail, a bhruich agus an ithe. 

Glèidhibh tiogaid gu h-ìosal, airson cuirm dùnaidh Na Ràiders, air Disathairne 10 Faoilleach aig 7f. Chan eil mòran àite ann is mar sin feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

’S e neach-ealain ioma-mheadhan a th’ ann an Calum Mackinnon Ferguson, ag obair sa chumantas le cruth-ealain agus stàladh-ealain suidhichte, a thuilleadh air peantadh dhian chruthan-tìre. Cheumnaich e bho Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2021 agus tha an obair aige a’ nochdadh fhaireachdainn air ceangal le nàdar, a’ togail aire gu earrannan eag-eòlas agus cultar air a bheil dìmeas tric ga dhèanamh. Tha a’ Ghàidhlig agus an dualchas aig Fearghasdan deatamach, mar cheangal chun tìr is na daoine ann an Innse Gall.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.