Tha sinn toilichte fàilte a chur air Bruce Kendrick airson cur air bhog an leabhair aige, ‘Art & Nature in the Outer Hebrides’.
Tha Bruce air a bhith a’ tadhal air na h-eileanan seo gu cunbhalach, bho 1970. Tha an leabhar as ùire aige, air fhoillseachadh le Whittles, a’ toirt ri chèile an sgrìobhadh ionmholta aige air nàdur, le sgeulachdan tharraingeach air na daoine ris an do choinnich e, a tha a’ cruthachadh an cuid ealain anns na h-eileanan seo. Ciamar a tha an luchd-ealain seo, co-dhiù an e peantadh, crèadhadaireach, dealbhadaireachd camara, no bàrdachd, a’ mìneachadh an t-saoghail ealain aca, an seo air taobh an ear a’ Chuain Shiar?
Tha Bruce cuideachd ealanta ann an togail dhealbhan nàdair agus tha na dealbhan aige, an dà chuid air nàdar agus ealain, a’ cur ris an leabhair gu mòr.
Bidh seisean maicreafòn fosgailte againn an dèidh cur air bhog an leabhair, airson bàrdachd air Ealain agus nàdar. Mar as àbhaist, bidh seo fosgailte do dhuine sam bith airson an obair aca fhèin a leughadh, no pìos as toigh leibh bho ùghdar eile. No faodaidh sibh dìreach suidhe air ais agus èisteachd.
Thoiribh an aire gu bheil an tachartas seo ga chumail air Diciadain 25 Dàmhair, is chan ann air an Diardaoin àbhaisteach againn airson feasgair litreachais.