Home > Event > Cur air bhog leabhair Pauline Prior-Pitt: Beyond the Bite

Black and white line drawing of an apple with a bite taken out of it.

Cur air bhog leabhair Pauline Prior-Pitt: Beyond the Bite

Tha sinn toilichte fiathachadh a thoirt dhuibh an cruinneachadh as ùire aig Pauline Prior-Pitt, Beyond the Bite, a chur air bhog ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 23 Cèitean.  Nach tig sibh còmhla rinn airson an fhoillseachadh ùr seo a chomharrachadh, ’s cinnteach gun còrd na leughaidhean tarraingeach aig Pauline ribh.

Ann am ‘Beyond the Bite’, tha Pauline a’ beachdachadh air suidheachadh bhoireannaich, a’ meòrachadh air càirdeas agus caraidean, a’ sgrùdadh bhuaireadh Chovid, gar toirt gu na cladaichean as fheàrr leatha, agus ag innse dhuinn mun eòlas aice air call.  Mar as àbhaist, tha àbhachdas agus bròn ann airson an luchd-leughaidh agus an luchd-èisteachd aice.

Tha Pauline Prior-Pitt a’ fuireach agus a’ sgrìobhadh ann an Uibhist a Tuath.  Tha i air grunn chruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh, a bharrachd air bileagan air an dèanamh le làimh.  Choisinn an cruinneachadh aice, North Uist Sea Poems, Duais Cuimhneachaidh Callum MacDhòmhnaill.  Bidh i tric a’ nochdadh aig fèisean litreachais agus aig tachartasan bàrdachd ann an Alba agus Sasainn agus tha a’ bhàrdachd aice air nochdadh air BBC Radio 3 agus 4, agus air telebhisean.  Tha i na Live Literature Poet aig Urras Leabhraichean na h-Alba agus ’s i a stèidhich an t-sreath fheasgairean bàrdachd Last Thursday aig Taigh Chearsabhagh, far a bheil i cuideachd a’ ruith bhùthan-obrach sgrìobhaidh.

“’S e bana-bhàrd air leth a th’ innte agus sgoinneil air leughadh a’ bhàrdachd aice fhèin.”

Warwick Festival

Tha an tachartas seo an-asgaidh agus bidh fàilte ron h-uile duine. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Pauline Prior-Pitt